Cùisean sòisealta agus eaconamach sna SACùis Shòisealta 1 – Cùram slàinte anns na SA

'S e na SA an eaconamaidh as motha air an t-saoghal. A dh'aindeoin sin, tha cùisean sòisealta agus eaconamach ann a tha a' toirt buaidh air daoine fa leth, air coimhearsnachdan agus air a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd mar cùram-slàinte, foghlam agus cion-cosnaidh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Cùis Shòisealta 1 – Cùram slàinte anns na SA

Ciamar a bhios Ameireaganaich a' faighinn cùram slàinte?

Tha diofar dhòighean ann air cùram slàinte fhaighinn. Tha an dòigh anns a bheil cùram slàinte air a chur air dòigh anns na SA air a bhith connspaideach.

Chan eil cùram slàinte nàiseanta sna SA mar a tha san RA.

Thathar an dùil gum bi a' mhòr-chuid de dh'Ameireaganaich a' cur cùram slàinte air dòigh dhaibh fhèin tro àrachas mheadaigeach nàiseanta. Bidh mòran dhaoine a' faighinn àrachas slàinte prìobhaideach bhon obair aca. 'S e am Blue Cross Blue Shield Association fear dhe na solaraichean, agus bha iad a' toirt àrachas slàinte do 115 millean ball bho 2023.

Prògraman slàinte

Tha prògraman slàinte aig riaghaltas nan SA a tha a' còmhdach dhaoine nach dèan a' chùis air àrachas prìobhaideach.

Nam measg tha:

  • Medicare – sa chumantas, do dhaoine a tha còrr is 65 bliadhna a dh'aois agus tha e air a ruith leis an riaghaltas fheadaraileach. Ann an 2022, bha Medicare a' còmhdach 65 millean neach agus a' cosg $905 billean.
  • Medicaid – a' còmhdach dhaoine le tuarastal ìosal mar clann, boireannaich an dùil ri leanabh agus daoine ciorramach. Tha na stàitean fa leth ga ruith. Ann an 2023, bha còrr is 88 millean neach clàraichte ann am Medicaid a bha a' cosg $805 billean do riaghaltas nan SA.
  • Prògram Stàiteil Àrachas Slàinte Chloinne (Children's Health Insurance Program no CHIP) – a' còmhdach na cloinne nach fhaigh dad bho Medicaid. Tha na stàitean ga ruith. Ann an 2023, bha cha mhòr seachd millean pàiste clàraichte ann an CHIP.

Tha Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach nas buailtiche a bhith le tuarastal nas lugha no a bhith gun obair. Tha seo a' ciallachadh nach eil iad cho buailteach àrachas slàinte nàiseanta a bhith aca, agus gu bheil iad nas buailtiche a bhith an urra ri Medicare no Medicaid no a bhith gun àrachas (gun a bhith fo phrògraman slàinte an riaghaltais agus a bhith gun àrachas slàinte phearsanta). Ann an 2023, bha 26 millean neach, no 7.9 sa cheud dhen àireimh-sluaigh, gun àrachas.

Dè th' ann an Achd Cùram Neo-chosgail?

Chaidh Achd Cùram Neo-chosgail (ACA) – ris an canar glè thric Obamacare – a stèidheachadh ann an 2010 airson gum biodh barrachd tèarainteachd slàinte aig na h-Ameireaganaich le bhith a' toirt a-steach leasachaidhean farsaing ann an àrachas slàinte agus aig am biodh a' bhuaidh a leanas:

  • leudachadh san àireimh a bha e a' còmhdach
  • a' dèanamh chompanaidhean àrachais cunntachail
  • cosgaisean cùram slàinte nas lugha
  • gealladh air barrachd roghainnean
  • inbhe cùraim nas fheàrr dhan h-uile Ameireaganach
  • feumaidh àrachas slàinte a bhith aig na h-Ameireaganaich gu lèir

Ag ais-ghairm na h-Achd

Carson a tha achd a' chùraim neo-chosgail connspaideach?

Tha an Achd Cùram Neo-chosgail air a bhith connspaideach. Tha na Poblachdaich na aghaidh agus tha iad dhen bheachd nach tèid aig an dùthaich air pàigheadh air a shon, gun deach na ceudan mhìltean obraichean a chall air a shàillibh agus gu bheil e a' ciallachadh gu bheil an riaghaltas a' gabhail cus gnothaich ri beatha dhaoine.

Ghabh mòran dhe na Deamocrataich ris an achd. Dh'adhbharaich e gu bheil cosgaisean àrachais nas motha air cuid, ach tha cothrom aig barrachd dhaoine air àrachas slàinte. Tha an àireamh Ameireaganaich aig nach eil àrachas air tuiteam bho chaidh ACA a chur an gnìomh bho mu 15.5% dhen àireimh-sluaigh ann an 2010 gu 7.9% dhen àireimh-sluaigh ann an 2022.

Chaidh feuchainn ri ACA ais-ghairm agus rudeigin eile a chur na h-àite nuair a bha Trump na Cheann-suidhe, ach cha do shoirbhich leis a sin. Ann an 2017, ged a bha mòr-chuid aig na Poblachdaich anns an t-Seanadh, dh’fhaillich orra ACA ais-ghairm no roghainn eile a thoirt a-steach.

Tha Covid-19 a' ciallachadh gun do chaill mòran Ameireaganaich an obair agus an t-àrachas slàinte a bha na chois. Mar fhreagairt dhan sin, tha Poblachdaich a' moladh gun toir iad sùil air luchd-solair ACA airson àrachas eile a lorg.

A bheil Biden a' toirt taic dhan ACA?

Tha an Ceann-suidhe Biden a' toirt taic dhan ACA. Mar Iar-cheann-suidhe Obama eadar 2008 agus 2016, thug Biden taic do ACA bho thùs.

Bho thàinig e gu bhith na Cheann-suidhe, tha Biden air a bhith a' coimhead ri ACA a leudachadh tro thaic a bharrachd bhon riaghaltas.