Cùisean sòisealta agus eaconamach sna SACùis Eaconamach 1 – Cion-obrach anns na SA

'S e na SA an eaconamaidh as motha air an t-saoghal. A dh'aindeoin sin, tha cùisean sòisealta agus eaconamach ann a tha a' toirt buaidh air daoine fa leth, air coimhearsnachdan agus air a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd mar cùram-slàinte, foghlam agus cion-cosnaidh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Cùis Eaconamach 1 – Cion-obrach anns na SA

Anns an Dùbhlachd 2023, bha an reat nàiseanta airson cion-cosnaidh anns na SA aig 3.7%. Tha seo faisg air a bhith cho ìosal 's a bha e riamh agus gu math nas ìsle na nuair a thug mòr-ghalar Covid droch bhuaidh air eaconamaidh nan SA agus air obraichean. (Stòr: US Bureau of Labor Statistics)

Tha diofar mòr ann an reataichean cion-cosnaidh eadar diofar bhuidhnean eitnigeach:

Reatan cion-cosnaidh (%) a rèir buidheann cinnidheach, Dùbhlachd 2023 (le mion-atharrachadh nan ràithean)

Buidheann cinnidhReat cion-cosnaidh (%)
Geal3.5
Iospàinnteach5.0
Dubh5.2
Àisianach3.1
Buidheann cinnidhGeal
Reat cion-cosnaidh (%)3.5
Buidheann cinnidhIospàinnteach
Reat cion-cosnaidh (%)5.0
Buidheann cinnidhDubh
Reat cion-cosnaidh (%)5.2
Buidheann cinnidhÀisianach
Reat cion-cosnaidh (%)3.1

A' mìneachadh an diofar ann an reatan cion-cosnaidh eadar diofar bhuidhnean cinnidheach

Tha iomadh adhbhar toinnte ann a tha a' mìneachadh carson a tha Ameireaganaich dhubh agus Iospàinnteach nas buailtiche a bhith gun obair. Nam measg sin tha:

  • Tha ìrean foghlaim nas ìsle buailteach a bhith aig daoine bho sgìrean nas bochda. Tha seo nas dòcha buaidh a thoirt air daoine bho theaghlaichean dubha no Iospàinnteach a tha gu staitistigeach nas buailtiche fuireach ann an sgìrean nas bochda agus gun uiread de theisteanasan a bhith aca.
  • Leth-bhreith – Tha sgrùdaidhean a' sealltainn gu bheil tagraichean airson obraichean leis na h-aon tagraidhean agus le ainmean a shaoileas iad a tha geal nas dòcha fios fhaighinn air ais na feadhainn le ainm a shaoileas iad a tha dubh no Iospàinnteach.
  • Tha ceudad nas motha de dhaoine bho mhion bhuidhnean le nas lugha de chothrom air còmhdhail agus dachaigh air prìs reusanta agus cha tèid aca air obraichean a ghabhail nuair a nochdas iad.

Ciamar a dh'fheuch an Ceann-suidhe Biden ri dèiligeadh ri cion-cosnaidh?

Nuair a bhuail mòr-ghalar Covid na SA ann an 2020, chaill na milleanan Ameireaganaich an obair agus chaidh cion-cosnaidh suas gu mòr gu dìreach os cionn 14%. (Stòr: BBC News).

Nuair a ghabh e an dreuchd anns an Fhaoilleach 2021, b' e fear dhe na prìomhachasan aig a' Cheann-suidhe Biden na h-Ameireaganaich a chaill an obair mar thoradh air a' mhòr-ghalar fhaighinn air ais a dh'obair. Bha plana na rianachd aige, Plana Obraichean Ameireaga (American Jobs Plan no AJP) airson barrachd obraichean a chruthachadh tro phrògram tasgaidh 10-bliadhna $2 thrillean dolair airson rathaidean, rèile agus drochaidean a thogail, puirt agus puirt-adhair a leudachadh agus comasachd eadar-lìon mòr-astair a leudachadh. Anns a' Mhàrt 2022, le taing ann am pàirt dhan AJP, bha reat cion-cosnaidh anns na SA air ìsleachadh còrr is leth. (Stòr: An Taigh Geal)