Buaidh na roinn shaor-thoilich agus na roinn phrìobhaidich
Tha pàirt an dà chuid aig an roinn shaor-thoilich agus aig an roinn phrìobhaidich ann an cuideachadh a' beagachadh neo-ionannachdan sòisealta.
Freagairtean neo-riaghaltais a thaobh neo-ionannachdan sòisealta
Chan e riaghaltasan na h-aon bhuidhnean a tha a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh mu neo-ionannachdan sòisealta agus eaconamach – tha àite cudromach cuideachd aig an roinn shaor-thoileach agus aig an roinn phrìobhaidich.
An roinn shaor-thoileach
Taobh a-muigh an riaghaltais, tha iomadh buidheann saor-thoileach a' cuideachadh gus dèiligeadh ri neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach. Thairis air Alba agus an RA, chaidh mòran bhuidhnean saor-thoileach no carthannasan a stèidheachadh agus tha iad sin a' cuideachadh le taic do dhaoine a thaobh cion-dachaigh, slàinte agus leth-bhreith. Glè thric bidh na bhuidhnean saor-thoileach seo "a' lìonadh nam beàrnan" no a' toirt taic a bharrachd air na tha Stàit nan Sochairean a' toirt seachad.
'S e na bancan-bìdh aon dhe na roinnean saor-thoileach as ainmeile a tha a' toirt taic a bharrachd gu saor-thoileach. A rèir Leabharlann Thaigh nan Cumantan, bha mu 2,500 banca-bìdh ag obrachadh anns an RA ann an 2023. Thug an Trussell Trust, an lìonra bhancan-bidh as motha ann am Breatainn, seachad 2.5 millean parsail bìdh a mhaireadh trì latha eadar 2020 agus 2021.
Tha a' mhòr-chuid a bhios a' faighinn biadh bho na bancan-bìdh sin air tuarastalan ìosal no a' feitheamh pàigheadh shochairean. Ach tha cuid mhath dhen bhiadh a' dol gu daoine a tha ag obair.
'S e Shelter Scotland buidheann saor-thoileach eile a bhios a' toirt taic do dhaoine a tha gun dachaigh no dha bheil e doirbh dachaigh a lorg dhaibh fhèin. Bidh Shelter Scotland cuideachd a' togail mothachadh anns an riaghaltas agus am measg a' phobaill mun bhuaidh a tha aig cion-dachaigh air daoine fa leth agus air na teaghlaichean aca. Bidh Shelter Scotland cuideachd a' dèanamh rannsachadh a bhios a' cuideachadh luchd-dèanaimh nan co-dhùnaidhean mun bhuaidh aig atharraichean ann am poileasaidh agus nam measg feadhainn a bheir an riaghaltas a-steach.
An roinn phrìobhaideach

Tha an roinn phrìobhaideach a' gabhail a-steach chompanaidhean is bhuidhnean a tha air leth bho riaghaltas agus a tha air an ruith airson prothaid. Tha pàirt aig an roinn phrìobhaidich ann a bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean mar foghlam agus slàinte, ach tha deasbad ann a bheil pàirt na roinn phrìobhaidich anns na raointean sin a' beagachadh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach anns a' chomann-shòisealta, no a bheil e a' leudachadh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach anns a' chomann-shòisealta.
Tha cùram-slàinte prìobhaideach ri fhaotainn do dhaoine as urrainn pàigheadh air a shon. Glè thric, bidh luchd-fastaidh a' toirt seirbheisean cùram-slàinte, mar cùram fhiaclan no comhairleachadh a taobh slàinte-inntinn, ann an sgeamachan anns an àit'-obrach tro àrachas slàinte prìobhaideach. Ach, mar as trice, cha bhi cothrom aig feadhainn air tuarastal ìosal no a tha gun obair air cùram-slàinte prìobhaideach.
Chuidich an roinn phrìobhaideach cuideachd le togail sgoiltean agus ospadail ùra ann an compàirteachas eadar riaghaltasan agus comhairlean ionadail. Mar as trice, bidh na companaidhean prìobhaideach a' pàigheadh agus a' togail thogalaichean ùra agus an uair sin gan toirt air mhàl dha na comhairlean no dhan riaghaltas. 'S e an rud a tha tarraingeach mu na compàirteachasan sin do riaghaltasan nach feum iad cosgaisean a phàigheadh ro-làimh airson an togail.
Mu dheireadh, tha mu 4.2% de sgoilearan ann an Alba a' dol a sgoiltean neo-eisimeileach no prìobhaideach nach eil nam pàirt de sholar foghlaim an ùghdarrais ionadail no na comhairle. Ann an 2022, chaidh 29,414 sgoilear oideachadh ann an 71 sgoil neo-eisimeileach ann an Alba. 'S dòcha gum bi cuideachadh ri fhaotainn a thaobh chìsean no gum bi bursaraidh ann do sgoilearan bho sgìrean nas bochda airson cuideachadh le cìsean foghlam prìobhaideach.