Freagairtean do neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachDiofar bheachdan air bochdainn agus seirbheisean shochairean

Oidhirpean riaghaltasan agus bhuidhnean eile airson cuideachadh le buaidhean neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Diofar bheachdan air bochdainn agus seirbheisean shochairean

Beachdan fa leth air bochdainn agus seirbheisean shochairean

Prìomh shràid bhaile le bùithtean falamh

Bho 2010, tha am Partaidh Consearbhatach air a bhith na riaghaltas na RA ann a' Westminster. Mar phartaidh air an làimh dheis, 's e modh-obrach nan Consearbhataich gum fuiricheadh cìsean ìosal agus gum bu chòir daoine a bhrosnachadh gu bhith a' dèanamh dhaibh fhèin seach a bhith an eisimeil stàit nan sochairean.

'S e am beachd consearbhatach gum bu chòir dhan h-uile duine, cho fad 's a ghabhas, solar a thaobh shochairean a chuir air dòigh dhaibh fhèin. Cho fad 's a ghabhas, bu chòir do dhuine sam bith aig aois obrach a bhith ag obair, agus tha seo a' mìneachadh carson a tha mòran shochairean air an ceangal ri daoine gun obair a tha gu dearbh a' coimhead airson obair.

Beachd cho-shealbhach air bochdainn agus seirbheisean shochairean

Ann an Alba, tha Partaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP) air a bhith ann an cumhachd ann a' Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann bho 2007. Mar phartaidh air an làimh chlì, tha iad san fharsaingeachd barrachd am fàbhar mhodhan-obrach co-shealbhach, 's e sin an riaghaltas a' toirt barrachd taic do dhaoine tro stàit nan sochairean. Ann an 2016, fhuair Pàrlamaid na h-Alba cumhachdan laghannan a dhèanamh a thaobh tèarainteachd shòisealta. Às dèidh sin, chleachd PNA na cumhachdan sin gus barrachd taic a thoirt do dhaoine tro shochairean, mar eisimpleir Sochair Pàiste na h-Alba.