De tha ag adhbharachadh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach?
Tha iomadh adhbhar ann airson neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach leithid cion-cosnaidh, pàigheadh ìosal, cion foghlaim, cion dachaigh agus clas sòisealta.
Cion-cosnaidh airson ùine fhada
'S e cion-cosnaidh airson ùine mhòr aon adhbhar airson neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach.
Airson cunntadh mar a bhith gun obair anns an RA, feumaidh tu a bhith air chomas obrachadh, a bhith a' lorg obair agus a bhith deiseil airson obair a ghabhail. Bidh daoine gun obair a' clàradh air-loidhne no faodaidh iad fònadh gu Jobcentre Plus.
Bidh e buailteach gum bi teachd-a-steach ìosal aig neach gun obair.
Tha an reat mìosail airson Creideas Coitcheann ann an 2023-24 do neach a tha fo 25 bliadhna aig £292.11 (sin £67.41 gach seachdain). Do fheadhainn nas sine na 25 bliadhna 's e £368.74 (£85.09 gach seachdain) a th' ann.
Ged a dh'fhaodadh daoine gun obair a bhith airidh air taic eile mar lasachadh anns a' Chìs Chomhairle, tha pàigheadh shochairean gu math ìosal an coimeas ri na tha buidhnean-iomairt an aghaidh bochdainn mar an Joseph Rowntree Foundation (JRF) a' dèanamh a-mach a tha dhìth air daoine gun nach bi iad beò ann am bochdainn.
Ma tha cuideigin gun obair airson ùine mhòr, 's dòcha airson barrachd is 12 mìosan, dh'fhaodadh gum bi iomadh duilgheadas aca. Mar eisimpleir, faodaidh cion-obrach fad ùine droch bhuaidh a thoirt air slàinte-inntinn, misneachd agus fèin-spèis. Faodaidh e cuideachd fiachan adhbharachadh, daitheat mhì-fhallain agus droch shlàinte chorporra.