Nàdar neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachDè th' ann an neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach?

Tha neo-ionannachd shòisealta co-cheangailte ris an diofar eadar buidhnean dhaoine. Faodaidh an diofar a bhith a thaobh teachd-a-steach agus beairteas, slàinte, gnè agus cinneadh. Faodar neo-ionannachd a thomhas airson treandan aithneachadh agus cuideachadh a' lorg fhuasglaidhean.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Dè th' ann an neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach?

'S e neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach an ìre gu bheil diofaran eadar buidhnean anns a' chomann-shòisealta.

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mu neo-ionannachd eaconamach anns a' chomann-shòisealta agus cuid dhe na ro-innleachdan airson dèiligeadh ris.

Inequality in society

Faodaidh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach a bhith co-cheangailte ri diofar ann an teachd-a-steach agus beairteas, no diofar a thaobh slàinte. Faodaidh neo-ionannachd a bhith co-cheangailte ri na leanas:

  • na buidhnean as motha agus as lugha easbhaidh
  • gnè
  • diofar sgìrean
  • diofar bhuidhnean cinnidheach
  • ciorraman agus cùisean slàinte
  • aois, ie clann, daoin' òga, daoine am meadhan an latha, peinnseanairean

Ciamar a tha neo-ionannachd air a thomhas?

Tha an t-uabhas aithisgean agus staitistigean a' nochdadh gach bliadhna a' toirt fiosrachadh air na ceanglaichean eadar bochdainn, dùil-aoise, dìth-obrach, bàsmhorachd agus galar agus tha sin a' cuideachadh le tomhas ìrean neo-ionannachd.

Nuair a bhios sinn a' coimhead ri aithisgean agus staitistigean, tha e cudromach a bhith mothachail gur dòcha gu bheil stòr fiosrachaidh len dòigh fhèin air neo-ionannachd a chur an cèill agus staitistigean a chur còmhla.