Freagairtean riaghaltais do neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach
Dè th' anns an stàit shochair?
Dè an eachdraidh a th' aig stàit shochairean na RA?
Tha freumhan stàit shochaireanStàit (no dùthaich) far am bi an riaghaltas a' toirt shochairean do dhaoine mar foghlam, cùram-slàinte agus sochairean cion-cosnaidh dhan t-sluagh agus gum bi sin an-asgaidh nuair a tha feum air, ged a thathar a' pàigheadh air a shon tro chìsean coitcheann. na RA ann am molaidhean a chuir an neach-poilitigs agus an t-eaconomair Lord Beveridge air adhart rè an Dara Cogaidh.

An dèidh sgrios a' chogaidh, bha aig Breatainn ri togail às ùr. Bhathar a' faicinn gun deach ìobairt choitcheann nàiseanta a dhèanamh airson an cogadh a bhuannachadh. Mar sin, bhathar a' faireachdainn gum bu chòir 'lìon shàbhailteachd' choitcheann, nàiseanta a bhith ann, air a pàigheadh le cìsean agus tabhartasan Àrachas NàiseantaSuimeannan bhon phàigheadh iomlan air am pàigheadh gu HMRC a dh'ionnsaigh cuid de shochairean, agus peinnsean na stàite. airson taic a thoirt do dhaoine ann an èis, mar clann, daoine gun obair, seann daoine agus daoine a bha tinn.
Ciamar a tha an stàit shochairean air atharrachadh?
Tha riaghaltas às dèidh riaghaltas air feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan bunaiteach na beatha aig a h-uile duine – teachd-a-steach gu leòr, taigheadas, foghlam agus cùram-slàinte le taic a mhaireas "bhon chreathaill dhan uaigh". Ach nuair a chaidh stàit nan sochairean a stèidheachadh, cha b' urrainn fios a bhith duine cho eadar-dhealaichte 's a bhiodh comann-sòisealta na RA an-diugh.
- Tha an dùil-aoise airson fireannaich agus boireannaich air èirigh gu mòr. Bidh buaidh aig a seo air cosgais pheinnseanan, cùram slàinte agus cùram sòisealta. Ann an 2023/24, a rèir figearan bho Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean, chosg an RA £134.8 billean air sochairean luchd-peinnsein a-mhàin.
- Le sluagh a tha a' dol am meud agus a' fàs nas sine, cuide ri leasachaidhean ann an seirbheisean cùram slàinte a tha a' gabhail a-steach dhrugaichean agus lannsaireachd tar-chuir, tha iarrtas agus cosgais cùram slàinte air a dhol suas gu mòr. Ann an 2013-24 bha cosg air slàinte anns an RA air a thuairmeas aig £245 billean.
- Tha an àireamh de dh'inbhich a tha aig aois obrach agus nach eil air chothrom obair air thuarastal a ghabhail airson iomadh adhbhar air a dhol suas gu mòr.
Bhidio – Neo-ionannachd eaconamach
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mu gach ullachadh a tha an riaghaltas air a dhèanamh airson bhuidhnean sònraichte.
Targeted help for specific groups
Ciamar a tha seirbheisean shochairean air am maoineachadh?
Tha dùbhlain air a bhith aig dùthchannan leasaichte air feadh an t-saoghail ann a bhith a' faighinn maoin (airgead) gu leòr airson seirbheisean shochairean a mhaoineachadh. Tha Alba agus an RA an aon rud. Cho math ri bhith a' lorg barrachd maoin airson sluagh a tha a' fàs nas sine, cùram slàinte agus taic do dh'inbhich aig aois obrach agus na teaghlaichean aca nach urrainn obair, tha dùbhlain ann cuideachd ann a bhith a' dèiligeadh ri barrachd mì-fheum stuthan, barrachd reamhrachd agus an comann-sòisealta a' sùileachadh barrachd.
Ged a tha a' mhòr-chuid de dhaoine anns an RA a' cur taic ri stàit nan sochairean, uaireannan tha frionas eadar daoine a tha ag obair agus a' pàigheadh chìsean agus feadhainn nach eil ag obair agus a tha a' faighinn taic bho stàit nan sochairean, mar eisimpleir ann an sochairean stàite. Ann an sgrùdaidhean air feadh na RA, tha mu thrì cairteil dhe na daoine a tha a' freagairt a' toirt taic gu cunbhalach dhan bheachd gum bu chòir dhan riaghaltas barrachd a chosg air an NHS airson seirbheisean a leasachadh. Ach nuair a thig e chun an riaghaltas a bhith a' cosg barrachd airgid air sochairean stàite, chan eil ach mu aon neach a-mach à ceud a' toirt taic gu cunbhalach.
Staitistigean na RA ann an 2023 (sa Ghearran nas lugha na tha e ag ràdh):
- Bha 4.3% de shluagh na RA gun obair (An t-Iuchar 2023)
- Bha 12.6m neach a' faighinn Peinnsean na Stàite (suas 140,000 bhon bhliadhna roimhe sin)
- B' e an dùil-aoise do leanaban a rugadh ann an Alba ann an 2019-2021 76.6 do dh'fhireannaich agus 80.8 do bhoireannaich
- Bha 3.1m de dh'inbhich anns an RA a' faighinn Pàigheadh Neo-eisimeileachd Phearsanta (Personal Independence Payment no PIP), le 1.6m a' faighinn Cuibhreann Taic Cosnaidh (Employment Support Allowance no ESA)