Ciamar a tha neo-ionannachd a thaobh gnè air atharrachadh?
Tha neo-ionannachd a thaobh gnè air fàs nas lugha le atharraichean anns a' chomann-shòisealta.
Ach, tha atharrachaidhean san eaconomaidh air diofar a dhèanamh cuideachd. Tha na seann ghnìomhachasan togail agus cruthachaidh a bha a' cruthachadh obraichean an Alba, leithid gual, stàilinn agus togail bhàtaichean air falbh agus nan àite tha obraichean ann an gnìomhachas leithid turasachd, foghlam, bancaireachd, coimpiutaireachd agus lagh. Tha na h-obraichean seo uile ann an roinn na seirbheis agus chan ann an roinn an t-saorachaidh. Tha e cus nas comasaiche do bhoireannaich a bhith a' farpais ri fireannaich airson obraichean ann an roinn na seirbheis.
Neo-ionannachd a thaobh gnè – atharraichean anns a' chomann-shòisealta
'S e boireannaich a tha anns a' mhòr-chuid den luchd-obrach ann an iomadh dùthaich. Tha e an aghaidh an lagha a bhith a' dèanamh leiteachas air daoine aig an obair air sgàth gnè. Tha an RA air iomadh Achd Pàrlamaid a chur an gnìomh a tha air cuideachadh le co-ionannachd fhaotainn airson boireannaich agus fireannaich, nam measg Achd Pàigheadh Co-ionann (1970), an Equal Pay Act (1970) agus Achd Leth-bhreith a Thaobh Gnè (1975), an Sex Discrimination Act (1975). Chaidh gach Achd a' buntainn ri leth-bhreith san RA an toirt còmhla agus an neartachadh fo Achd na Co-ionannachd 2010.)
Uairean obrach taghte (Flexible working)
Tha barrachd agus barrachd de chompanaidhean a-nis a' faicinn nam buannachdan a thig tro bhith a' tabhann cothrom don luchd-obrach a bhith a' taghadh nan uairean obrach aca fhèin. Tha cuid de chompanaidhean a' tabhann obraichean anns am feum daoine a leithid seo a dh'uairean obrachadh thar bliadhna, seach a bhith a' toirt orra a bhith ag obair uimhir a dh'uairean gach seachdain. Tha seo a' ciallachadh gum faod daoine a dhol a-steach a dh'obair nas anmoiche air an là agus fàgail nas tràithe. Bidh seo na bhuannachd do mhòran a tha a' coimhead às dèidh clann. Tha cuid de chompanaidhean a' leigeil leis an luchd-obrach naoi là sa chola-deug obrachadh agus tha barrachd agus barrachd dhaoine a-nis ag obair bhon dachaigh.
A chionn 's gu bheil daoine a-nis beò nas fhaide, tha companaidhean a' smaointinn a-rithist mu dè an structair as fheàrr airson nan cothroman obrach aca. Tha deannan dhiubh a-nis a' leigeil le luchd-obrach ùine a ghabhail far an cuid obrach gun phàigheadh.
Boireannaich ann am poilitigs
Glè thric ann am poilitigs, chan eil boireannaich air an riochdachadh uiread ri fir. Ann am Pàrlamaid na RA cha robh ach 31% (225 a-mach à 650 BP) de BP nam boireannaich ann an 2023. Tha seo air a dhol suas bho 29% ann an 2015, ach tha e fhathast ìosal nuair a smaoinicheas tu gur e boireannaich a th' ann an 51% de shluagh na RA.

Chan eil sgath fianais ann nach eil uiread de dh'ùidh aig boireannaich ann am poilitigs 's a tha aig fir. Ach tha e a' cosg tòrr ùine a bhith an sàs ann am poilitigs oir tha e a' ciallachadh gum feum na riochdairean thaghte iomadh coinneamh a fhrithealadh air an fhionnairidh agus thathar an dùil gum bi iad 'an-còmhnaidh ann, uair sam bith' air a' fòn, post-dealain no air meadhanan sòisealta. Bhon a tha e buailteach gum bi barrachd uallaichean teaghlaich air boireannaich, leithid a bhith a' coimhead às dèidh clann agus càirdean nas sine, chan eil iad cho buailteach a dhol an sàs ann am poilitigs.
Tha Pàrlamaid na h-Alba air a bhith air thoiseach le uairean-obrach agus saor-làithean a tha nas freagarraiche do theaghlaichean agus tha seo air riochdachadh bhoireannaich a chur am meud. Ann an 2023, bha 58 BPA nam boireannaich ann am Pàrlamaid na h-Alba a-mach à 129. Sin 45% dhe na BPA gu lèir.
Nuair a bha Nicola Sturgeon na Prìomh Mhinistear, chuir i caibineat ministearan Riaghaltas na h-Alba an dreuchd le cothromachadh 50-50 de dh'fhireannaich is de bhoireannaich. Ach, chan eil an cothromachadh de dh'fhireannaich is de bhoireannaich fhathast na shealladh air sluagh na h-Alba.