Dè th' ann an taic shochairean na RA is na h-Alba?
Sochairean Tèarainteachd Shòisealta
Tha a' mhòr-chuid de shochairean tèarainteachd shòisealta air am pàigheadh a-mach le riaghaltas na RA. Tha sochairean gan toirt seachad tro Roinn nan Obraichean 's nam Peinnseanan (Department for Works and Pensions no DWP). Bho 2016 (Achd na h-Alba 2016), tha e air chomas do Riaghaltas na h-Alba pàighidhean a bharrachd a dhèanamh a thaobh tèarainteachd shòisealta. Ann an Alba, tha pàighidhean tèarainteachd shòisealta air an dèanamh le Tèarainteachd Shòisealta na h-Alba.
Sochairean taghte bho Thèarainteachd Shòisealta na h-Alba
Tha sochairean do dhaoine fo 16 a' gabhail a-steach (a h-uile reat airson 2023):
- Sochair Phàistean na h-Alba - £100 a h-uile ceithir seachdainean mar chuideachadh a dh'ionnsaigh nan cosgaisean airson coimhead às dèidh gach pàiste fo 16 do theaghlaichean a tha a' faighinn shochairean sònraichte.
- Grunn ghrantaichean Best Start, mar eisimpleir, Grant Leatromais Best Start agus Pàigheadh Naoidhein – pàigheadh aon turas suas gu £707.25 bho 24 seachdainean trom gus am bi an naoidhean 6 mìosan do theaghlaichean a tha a' faighinn shochairean sònraichte.
- Pàigheadh Taic Bàis – Taic airgid do dh'fheadhainn a dh'fheumas e nuair a bhàsaicheas cuideigin san teaghlach.
Am measg nan sochairean eile a tha rim faotainn bho Thèarainteachd Shòisealta na h-Alba tha sochairean ciorramachd (Pàigheadh Ciorramachd Inbhich agus Pàigheadh Ciorramachd Pàiste), sochairean luchd-cùraim (Sochair Leasachaidh Neach-cùraim agus Grant Neach-cùraim Òg) agus Sochairean Teas (Pàigheadh Teas Geamhraidh Pàiste agus Pàigheadh Teas Geamhraidh.
Tha Maoin Shochairean na h-Alba cuideachd ann airson taic a thoirt do dhaoine a tha os cionn 16 agus a tha air tuarastal ìosal agus a tha a' faighinn shochairean. Tha tagraidhean air an dèanamh tro chomhairlean ionadail. Thad à mhaoin ann – Grant Èiginn a tha a' cuideachadh le èiginn gun dùil agus Grantaichean Cùram Coimhearsnachd a tha a' toirt taic airgid do dhaoine a tha a' toirt an aire air daoine eile.
Mu dheireadh, tha a' chòir aig òigridh fo 23 agus daoine a tha 60+ bliadhna air siubhal an-asgaidh.
Sochairean taghte bho Roinn nan Obraichean 's nam Peinnseanan (DWP)
Reataichean airson 2023 mura bheil e a' ràdh.
Sochair Chloinne – Sochair gach seachdain de £24 (a' chiad phàiste) no £15.90 (pàiste a bharrachd). Air a phàigheadh dhan neach air a bheil an t-uallach airson a' phàiste sin. Faodaidh gum faigh clan Sochair Chloinne cuideachd ma tha iad fo 20 agus gu bheil iad fhathast ann am foghlam dearbhte no trèanadh.
Pàigheadh Cosgais Bith-beò – Trì pàighidhean luach £900 do dhaoine a tha a' faighinn shochairean sònraichte mar Creideas Coitcheann no Creideas Peinnsein.
Peinnsean Stàite (no Peinnsean Stàite Ùr) – Pàigheadh gach seachdain de £202.85 do dhaoine a ràinig aois a' pheinnsein (2023/24). 'S dòcha gum bi peinnseanairean (agus buidhnean eile) airidh air taic a bharrachd mar Creideas Peinnsein – sochair bàrr-lìonaidh nuair a tha teachd-a-steach peinnseanair a' tuiteam fo ìre shònraichte.
Creideas Coitcheann (Universal Credit no UC) – Pàigheadh a chuidicheas le cosgaisean bith-beò mar biadh, teas agus taigheadas. Gheibh daoine air tuarastal ìosal e. Bha luach £292.11 sa mhìos ann an UC do neach singilte fo 25 bliadhna agus £368.74 gach mìos do neach singilte nas sine na 25 bliadhna. Daoine a' fuireach còmhla mar chupaill agus ma tha clan anns an dachaigh. Nòta: Tha Creideas Coitcheann a' dol an àite Jobseekers Allowance bho seo a-mach.
Tha iomadh sochair eile ann do dhaoine ann an èis anns a' chomann-shòisealta mar Pàigheadh Saorsa Phearsanta (Personal Independence Payment no PIP) a bhios a' dol gu daoine a dh'fheumas cùram nan dachaigh no cuideachadh le cùram no air a bheil ciorram no tinneas.
Thuirt Riaghaltas na RA ann an 2023/24 gun cosgadh iad £341bn air dìon sòisealta a tha a' gabhail a-steach pàighidhean tèarainteachd shòisealta.
Diofar mhodhan-obrach a thaobh sochairean tèarainteachd shòisealta ann an Alba agus san RA
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha riaghaltasan Consearbhatach anns an RA air a bhith ag iarraidh cosg an riaghaltais a lùghdachadh agus an àite sin am fòcas a chur air fàs eaconamach. Tha riaghaltasan Consearbhatach na RA ag amas air barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith a' gabhail obair le tuarastal ("daoine ag obrachadh an slighe a-mach à bochdainn") seach a bhith an eisimeil na Stàite. Mar sin, chaidh a' chòir air sochairean a theannachadh. Mar eisimpleir, bidh peanas shochairean a' dol air daoine gun obair ma chailleas iad agallamh obrach no leithid sin. Cuideachd, ann an 2017, thug an Riaghaltas Consearbhatach na RA a-steach crìoch dà phàiste air cuid de sheòrsaichean taic, mar eisimpleir, eileamaid a' phàiste anns an Creideas Cìs Chloinne.
Ann an Alba, tha modh-obrach eadar-dhealaichte aig riaghaltas PNA. Le bhith ag amas air neo-ionannachd shòisealta a lùghdachadh, thug PNA a-steach, mar eisimpleir, Pàigheadh Phàistean na h-Alba, a chaidh a chur suas on uair sin agus a b' fhiach £25 ann an 2023.
Tha deasbad ann air "glacte ann an sochairean" mar a chanar ris. Seo far a bheil daoine a tha gun obair air am brosnachadh obair a ghabhail, ach an uair sin tha iad a' faighinn a-mach gu bheil an teachd-a-steach aca nas lugha ma ghluaiseas iad far nan sochairean gu obair le tuarastal. Bu mhath le daoine a bhios a' càineadh an t-suidheachaidh seo ìrean nas àirde de na reatan pàighidh as ìsle fhaicinn gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a ghabhas obair air thuarastal nas fheàrr dheth ag obair.
Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS)
Aon dhe na dòighean as cudromaiche anns a bheil daoine a' faighinn taic ann an Alba (tha cùram slàinte tiomnaichte) 's ann tro Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS). Le raon farsaing de sheirbheisean a tha a' còmhdach gach nì co-cheangailte ri slàinte, 's ann bho chìsean, an ìre mhath, a tha an NHS air a mhaoineachadh. Air a stèidheachadh ann an 1948, tha an NHS fhathast a' toirt cùram dhan mhòr-chuid de dhaoine anns an RA, ged a tha seactor ann le cùram slàinte prìobhaideach le timcheall air aon às gach ochdnar anns an RA a' cleachdadh an raoin phrìobhaidich airson cùram slàinte ann an 2022.
An deasbad mun NHS
Thuirt riaghaltas na RA ann an 2023/24 gun cosgadh iad £245bn air slàinte. Sin am figear as motha riamh. Ach le sluagh a tha a' fàs aosta agus a' fàs, agus cosgais tàladh agus cumail luchd-obrach a' dol suas, tha maoineachadh cùram-slàinte an-còmhnaidh a' tighinn goirid air an iarrtas airson cùram-slàinte. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha liostaichean feitheimh agus ùine feitheimh airson leigheas air fàs. Tha cuid de luchd-obrach an NHS cuideachd air a dhol air stailc co-cheangailte ri pàigheadh agus cùmhnantan.
Taigheadas
'S e feumalachd bhunaiteach dhan h-uile duine a th' ann an taigheadas math air prìs reusanta. Dìreach mar le cùram-slàinte agus foghlam, tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air neo-ionannachd shòisealta a bheagachadh tro thasgadh ann an taigheadas sòisealta (taigheadas airson taic a thoirt do dhaoine nach urrainn taigh fhaighinn air mhàl no a cheannach air a' mhargaidh fhosgailte). Ann an 2023-24, cosgaidh Riaghaltas na h-Alba faisg air £727m a' leasachadh taigheadas sòisealta ann an Alba le bhith a' togail thaighean ùra agus a' leasachadh thaighean a th’ ann mar-thà.
Foghlam
Tha iomadh taic cuideachd ann an sgoiltean airson neo-ionannachd shòisealta a bheagachadh. Tha an taic seo a' gabhail a-steach biadh an-asgaidh ann an sgoiltean agus grantaichean airson aodach sgoile. 'S dòcha gum faigh òigridh a dh'fhuiricheas anns an sgoil an dèidh 16 bliadhna taic-airgid tron Taic Gleidhidh Foghlam (Educational Maintenance Allowance no EMA). Bidh iomadh sgoil cuideachd a' faighinn maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba airson buaidh bochdainn air an latha sgoile a bheagachadh le bhith a' toirt taic-airgid an-asgaidh airson cuairtean sgoile no airson còcaireachd ann an Eaconamas Dachaigh. Canar Maoin Cothromas Sgoilearan (Pupil Equity Funding no PEF) ris an seo.
Opportunities for All
Fo Opportunities for All, thèid prògram oideachaidh no trèanaidh ann am foghlam no le Modern Apprenticeship a thabhann do gach neach a tha eadar 16 agus 19 aig nach eil obair.
Bidh Riaghaltas na h-Alba a' tabhann mìltean de dh'àiteachan trèanaidh – nam measg bidh 25,000 Modern Apprenticeship. Bidh iad a' brosnachadh cùrsaichean colaiste airson daoine eadar 16 agus 19. Bidh iad cuideachd a' pàigheadh an Educational Maintenance Allowance, a' ciallachadh gu bheil e comasach do dh'òigridh bho theaghlaichean bochda cumail orra san sgoil.
Frèama nan Tràth Bhliadhnaichean
Tha a' mhòr-chuid de dhaoine a-nis a' gabhail ris gu bheil a' chiad trì bliadhna de bheatha pàiste air leth cudromach a thaobh an leasachaidh fad-beatha. Mar sin, tha an riaghaltas a-nis a' feuchainn ri taic a chumail ri teaghlaichean anns a bheil clann a' fuireach ann am bochdainn, no anns a bheil pàrantan a tha fo bhuaidh dhroga sam bith, no aig a bheil trioblaidean inntinne no trioblaidean pearsanta eile. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail taic ri Frèama nan Tràth Bhliadhnaichean. 'S e oidhirp a tha ann am Frèama nan Tràth Bhliadhnaichean a bhith a' mothachadh nuair a dh'fhaodadh trioblaidean èirigh ann am beatha chloinne, seach a bhith a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh nuair a tha e ro fhadalach.
Bogsa naoidhein
Tha còir aig a h-uile naoidhean a thèid a bhreith ann an Alba air bogsa naoidhein fhaighinn a tha làn rudan riatanach. Atharraichidh am bogsa cuideachd gu bhith na àite sàbhailte san caidil an naoidhean. Anns a' bhogsa cuideachd tha: aodach, teas-mheidh airson an naoidhein agus airson an amair, leabhraichean, agus cofhurtair. Thuirt còrr is 90% de phàrantan a fhuair bogsa gun robh e ag obrachadh gu math.
Taic eile – an RA
'S e am Pàigheadh Bith-beò Nàiseanta (National Living Wage no NLW) am pàigheadh as lugha a dh'fheumas luchd-obrach fhaighinn san uair a rèir an lagha. Bhon Ghiblean 2023 b' e £10.42 an reat do dhaoine a bha 23 bliadhna.
Tha a' chòir aig luchd-obrach fo 23 air a' Phàigheadh Bith-beò Nàiseanta (NLW). Tha an reat gach uair a rèir an aois agus an e preantas a th' annta.
A dh'aindeoin an NLW/NMW, tha am pàigheadh ìosal ann an iomadh obair ann an còcaireachd, glanadh agus cùram. Glè thric, cha bhi daoine anns na h-obraichean sin a' cosnadh gu leòr airgid airson a h-uile sìon a phàigheadh. Canar gu bheil iad ann am "bochdainn le cosnadh" bhon nach eil an teachd-a-steach aca mòr gu leòr airson an togail a-mach à bochdainn. Tha luchd-iomairt an aghaidh bochdainn ag iarraidh reat nas motha san uair no Fìor Thuarastal Bith-beò (Real Living Wage) a bhios co-dhiù £10.90 san uair.