Buaidh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachDè a' bhuaidh a tha aig neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach?

Faodaidh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach buaidh mhòr a thoirt air math dhaoine, càileachd beatha agus cothroman do dhaoine fa leth, do theaghlaichean, do choimhearsnachdan agus dhan chomann-shòisealta gu lèir.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Dè a' bhuaidh a tha aig neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach?

Faodaidh a bhith beò ann am bochdainn droch bhuaidh a thoirt air slàinte neach.

Dealbh a' sealltainn mar a dh'fhaodas a bhith beò ann am bochdainn droch bhuaidh a thoirt air slàinte neach

Ciamar a tha buaidh neo-ionannachd air a tomhas?

Dùil-aoise

'S e aon tomhas air buil bochdainn a' bhuaidh a tha aig bochdainn air dùil-aoise – an aois gu bheilear an dùil a bhios daoine beò.

Ann an 2023, thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba ann am Baile Ghlaschu, aon dhe na sgìrean comhairle as motha easbhaidh, gum b' an dùil-aoise do dh'fhireannaich 72.9 agus 78.2 do bhoireannaich ann an 2020-22. Bha seo an coimeas ri Siorrachd Rinn Friù an Ear, aon dhe na sgìrean comhairle as beairtiche ann an Alba, far a bheil an dùil-aois chuibheasach do dh'fhireannaich 79.0 agus 84.0 do bhoireannaich ann an 2020-22.

Tinneas

A thaobh tinneas, ann an aithisg eile bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba, lorgadh ann an 2022 gu bheil daoine ann an sgìrean as motha easbhaidh le droch shlàinte mu thrian dhem beatha an coimeas ri daoine anns na sgìrean as lugha easbhaidh nach bi le droch shlàinte ach 15% dhem beatha.

Cuideam breith ìosal

Tha cuideam breith ìosal cuideachd na chomharra air bochdainn anns a' chomann-shòisealta. Tha clann le cuideam breith ìosal nas buailtiche a bhith le duilgheadasan slàinte nas fhaide air adhart nam beatha. Tha sgrùdaidhean bho Ionad Slàinte a' Phobaill ann an Glaschu air mothachadh gu bheil co-roinn nas motha dhe na leanaban aig màthraichean ann an sgìrean le barrachd bochdainn le cuideam breith ìosal, an coimeas ri feadhainn air am breith ann an sgìrean nas fheàrr dheth.

Dòigh-beatha

Chan e a-mhàin bochdainn a tha a' toirt buaidh air dùil-aoise fada agus slàinte mhath oir tha dòigh-beatha a roghnaicheas daoine cuideachd a' toirt buaidh air an slàinte. Tha ceanglaichean eadar roghainnean dòigh-beatha agus neo-ionannachd eaconamach.

Smocadh agus deoch-làidir

Ann an 2021, thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh ach mu 5% a' smocadh am measg nan daoine a b' fheàrr dheth ann an Alba. Ach am measg an fheadhainn a bu bhochda, bha 24% a' smocadh.

A thaobh deoch-làidir, thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba ann an 2021 gun robh bàsan co-cheangailte ri deoch-làidir 4.3 uiread cho cumanta anns na sgìrean as motha easbhaidh ann an Alba an coimeas ris na sgìrean as lugha bochdainn.