Buaidh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachCiamar a tha neo-ionannachd a' toirt buaidh air foghlam?

Faodaidh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach buaidh mhòr a thoirt air math dhaoine, càileachd beatha agus cothroman do dhaoine fa leth, do theaghlaichean, do choimhearsnachdan agus dhan chomann-shòisealta gu lèir.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Ciamar a tha neo-ionannachd a' toirt buaidh air foghlam?

Tha iomadh droch bhuaidh ag èirigh bho neo-ionannachd anns a' chomann-shòisealta. Tha ceanglaichean follaiseach eadar bochdainn agus dìth soirbheachaidh ann am foghlam

Ma tha pàiste beò ann am bochdainn, tha sin a' toirt buaidh air coileanadh anns an sgoil. Mar eisimpleir, bhon a tha fàs suas ann am bochdainn a' toirt buaidh air deagh shlàinte, tha clan bho na sgìrean as motha easbhaidh nas buailtiche sgoil a chall agus tha sin a' dèanamh cron air an adhartas aca ann am foghlam.

Litearrachd agus àireamhachd

Ann an 2021/22, thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh 93.6% de sgoilearan ann an ÀS3 bho na sgìrean bu lugha easbhaidh ann an Alba a' coileanadh na Treas Ìre no na b' fheàrr ann an litearrachd aig deireadh ÀS3 an coimeas ri dìreach 77.3% anns na sgìrean bu bhochda ann an Alba.

A thaobh àireamhachd, b' e na figearan do chlann a' coileanadh na Treas Ìre no nas fheàrr aig deireadh ÀS3 95.9% anns na sgìrean bu lugha easbhaidh an coimeas ri dìreach 80.9% anns na sgìrean bu mhotha easbhaidh ann an 2021/22.