Buaidh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachCiamar a tha neo-ionannachd a' toirt buaidh air eucoir?

Faodaidh neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach buaidh mhòr a thoirt air math dhaoine, càileachd beatha agus cothroman do dhaoine fa leth, do theaghlaichean, do choimhearsnachdan agus dhan chomann-shòisealta gu lèir.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Ciamar a tha neo-ionannachd a' toirt buaidh air eucoir?

Ged a bhios daoine bho pàirt dhen chomann-shòisealta ri eucoir, tha ceangal soilleir eadar bochdainn agus eucoir. Tha tòrr fianais ann a tha a' sealltainn gur e bochdainn aon dhe prìomh adhbharan airson eucoir agus gur dòcha gun tionndaidh daoine le teachd-a-steach ìosal gu eucoir airson gum faigh iad na rudan a tha iad ag iarraidh. Ann an 2021/22, sheall staitistigean bho Riaghaltas na h-Alba gun robh 31% dhe na daoine a bha a' dol dhan phrìosan bhon 10% dhe na sgìrean bu mhotha easbhaidh ann an Alba.

Dealbh a' sealltainn an àireamh iomlan de dh'eucoirean clàraichte ann an Alba 2022-23

Tha reatan eucoir nas motha buailteach a bhith ann an sgìrean bochda, agus bidh e coltach gum bi bochdainn ag adhbharachadh eucoir. Mar eisimpleir, tha reatan eucoir nas àirde ann an Dùn Dè, Glaschu agus Obar Dheathain na th' ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Siorrachd Rinn Friù an Ear agus Eileanan Arcaibh.

Ùghdarras ionadailEucoirean clàraichte gach 10,000 neach
Dùn Dè849
Glaschu789
Obar Dheathain651
Cuibheas Albannach582
Siorrachd Dhùn Breatann an Ear254
Siorrachd Rinn Friù an Ear239
Eileanan Arcaibh228
Ùghdarras ionadailDùn Dè
Eucoirean clàraichte gach 10,000 neach849
Ùghdarras ionadailGlaschu
Eucoirean clàraichte gach 10,000 neach789
Ùghdarras ionadailObar Dheathain
Eucoirean clàraichte gach 10,000 neach651
Ùghdarras ionadailCuibheas Albannach
Eucoirean clàraichte gach 10,000 neach582
Ùghdarras ionadailSiorrachd Dhùn Breatann an Ear
Eucoirean clàraichte gach 10,000 neach254
Ùghdarras ionadailSiorrachd Rinn Friù an Ear
Eucoirean clàraichte gach 10,000 neach239
Ùghdarras ionadailEileanan Arcaibh
Eucoirean clàraichte gach 10,000 neach228

Tha a' mhòr-chuid de phrìosanaich ann an Alba à sgìrean bochda agus tha trioblaidean aig mòran aca co-cheangailte ri fallaineachd inntinne agus a bhith a' dèanamh droch fheum de dheoch-làidir 's de dhrogaichean. Tha Coimisean Phrìosain na h-Alba air co-dhùnadh gum bi mu aon anns gach naoinear de dh'fhireannaich òga bho na sgìrean as bochda anns a' phrìosan mus ruig iad 23 bliadhna a dh'aois.

A rèir na 17mh Suirbhidh Phrìosanaich aig Seirbheis Prìosain na h-Alba (ann an 2019), chomharraich prìosanaich iomadh factar a bha iad dhen bheachd a chuir ri iad eucoir a dhèanamh, agus bha cuid dhiubh le ceangal dìreach ri bochdainn agus easbhaidh:

  • Cion-cosnaidh - 16%
  • Duilgheadasan airgid - 15%

Dè na factaran eile a tha co-cheangailte ri bochdainn?

Nochd factaran eile cuideachd a bhios tric co-cheangailte ri bochdainn agus easbhaidh, mar seòrsaichean àite-fuirich, mì-chleachdadh deoch-làidir agus drogaichean, nàbachd, dìth taic sa choimhearsnachd.