Freagairtean do neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachDè tha an riaghaltas a' dèanamh mu neo-ionannachd ghnè?

Oidhirpean riaghaltasan agus bhuidhnean eile airson cuideachadh le buaidhean neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Dè tha an riaghaltas a' dèanamh mu neo-ionannachd ghnè?

Tha gnìomhachadh an riaghaltais air neo-ionannachd gnè a bheagachadh thar ùine.

Achd na Co-ionannachd (2010)

Bho 1970, tha gach riaghaltas air iomadh achd a chur an gnìomh airson feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil fireannaich agus boireannaich co-ionann. Ach cha do shoirbhich le na h-achdan gu tur. Ann an 2010, chuir Pàrlamaid na RA Achd na Co-ionannachd (Equality Act) an gnìomh. Tha an achd seo a' neartachadh nan achdan eile agus a' dìon dhaoine ciorramach agus daoine bho gach cinneadh. An àite iomadh Achd Pàrlamaid, tha dìreach aon achd - Achd na Co-ionannachd - a' feuchainn ri dèanamh cinnteach gu tèid dèiligeadh gu cothromach le gach duine san RA.

Naoi nithean a tha air an dìon fo Achd Co-ionannachd 2010

Fo Achd na Co-ionannachd tha e an aghaidh an lagha a bhith a' dèanamh leiteachas ann an dòigh sam bith air rud a tha air a dhìon gu h-oifigeil. Tha naoi rudan ann a tha air an dìon fon achd seo:

  • aois
  • ciorram
  • atharrachadh gnè
  • leatrom agus fòrladh màthaireil
  • pòsadh agus com-pàirteachas sìobhalta
  • cinneadh (tha 'cinneadh' a' ciallachadh buidheann de dhaoine a tha gan aithneachadh fhèin a rèir an cinnidh, dath an craicinn no a rèir na dùthcha dham buin iad)
  • creideamh (a' gabhail a-steach eas-creideamh)
  • gnè
  • seòrsa

Coimisean na Co-ionannachd agus Chòraichean a' Chinne-daonna (EHRC)

Tha e an urra ri Coimisean na Co-ionannachd agus Chòraichean a' Chinne-daonna (Equality and Human Rights Commission no EHRC) a bhith a' dìon còraichean a' chinne-daonna agus co-ionannachd. Tha iad a' feuchainn ri aire dhaoine a tharraing gu Achd na Co-ionannachd airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach agus luchd-fastaidh, agus muinntir na dùthcha san fharsaingeachd, ga thuigsinn.

Tha e an aghaidh an lagha nas lugha airgid a pàigheadh do chuideigin air sàillibh an gnè. A bharrachd air an seo, chan eil e ceadaichte a bhith a' dèanamh leiteachas air duine sam bith san àit'-obrach air sàillibh an gnè.

Clàs 'gnìomhachadh taiceil' ann an Achd na Co-ionannachd

'S e aon chùis chonnspaideach mu Achd na Co-ionannachd [Equality Act (2010)] an clàs a tha a' leigeil le buidhnean 'gnìomhan posataibh' a chleachdadh far a bheil neo-chothromachadh san luchd-obrach, 's e sin far nach eil an luchd-obrach nan sealladh air cothromachadh dhaoine anns a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd. Thàinig Dleastanas Co-ionannachd an t-Seactor Phoblaich (Public Sector Equality Duty no PSED) a-steach dhan lagh ann an 2007 agus chaidh a leudachadh ann an 2011. Tha am PSED ag iarraidh air a h-uile buidheann anns an raon phoblach ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' chothromachadh eadar fireannaich agus boireannaich anns an luchd-obrach aca (agus buidhnean eile le feartan air an dìon) gus a bhith cinnteach nach eil boireannaich, mar eisimpleir, dìreach air an riochdachadh a-mhàin anns a' bhuidheann a thaobh cùmhnantan obrach, ach cuideachd gu bheil iad air am fastadh ann an àireamhan co-ionann anns na h-obraichean leis an tuarastal as motha.

Mar a tha Dleastanas Co-ionannachd an t-Seactor Phoblaich (PSED) ag obrachadh

Mar sin, ma tha barrachd fhireannach no barrachd bhoireannach ag obair airson companaidh, faodaidh iad daoine fhastadh airson dèanamh cinnteach gu bheil co-ionannachd ann. Faodaidh companaidhean oidhirp a dhèanamh gus sealltainn gu bheil iad ag iarraidh co-ionannachd san luchd-obrach ann an iomadh dòigh. Mar eisimpleir, faodaidh iad dealbhan de dh'fhireannaich agus de bhoireannaich a chur air an làraich-lìn aca; faodaidh iad sanasachd ann an dòigh a bhios a' tarraing an dà ghnè; faodaidh iad a bhith a' cumail bùthan-obrach agus coinneamhan a tha ga dhèanamh follaiseach gu bheil obair na companaidh freagarrach dha fireannaich agus dha boireannaich.

Tha seo uile a' ciallachadh, ma tha gach rud eile co-ionann air an fhoirm iarrtais aca agus anns an agallamh, gum faod companaidh fireannach no boireannach fhastadh a rèir feum a' chompanaidh.

Tha e cudromach cuimhne a chumail nach eil seo idir a' ciallachadh gum faodar obair a thabhann do bhoireannach (no cuideigin bho chinneadh sònraichte, no cuideigin a tha ciorramach) dìreach airson ìomhaigh na companaidh a thogail. Feumaidh an neach a gheibh an obair a bhith comasach air an obair a dhèanamh agus feumaidh an t-eòlas, na sgilean agus na teisteanasan freagarrach a bhith aca.

Foillseachadh Pàighidh

Bho 2017, feumaidh companaidhean a tha a' fastadh barrachd air 250 neach, fon lagh, cosnadh bliadhnail an luchd-obrach fhoillseachadh a rèir gnè. Ann an cuid de chompanaidhean mòra, mar am BBC, bha an diofar ann an tuarastalan fhireannaich is bhoireannaich a nochd foillseachadh pàighidh a' ciallachadh gun do ghabh am BBC os làimh sgrùdadh pàighidh le amas cur às dhan bheàrn pàighidh a thaobh gnè a bha aig an àm aig 9.3% am fàbhar fhireannaich ann an 2017. Ann an 2023, thuirt am BBC gun robh a' mhòr-chuid de ìrean pàighidh, ach a-mhàin a dhà, taobh a-staigh +/-2% dhan luchd-obrach gu lèir.