Nàdar neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachDè na seòrsaichean bochdainn a th' ann?

Tha neo-ionannachd shòisealta co-cheangailte ris an diofar eadar buidhnean dhaoine. Faodaidh an diofar a bhith a thaobh teachd-a-steach agus beairteas, slàinte, gnè agus cinneadh. Faodar neo-ionannachd a thomhas airson treandan aithneachadh agus cuideachadh a' lorg fhuasglaidhean.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Dè na seòrsaichean bochdainn a th' ann?

Dè th' ann an cruaidh-bhochdainn?

Taighean falamh le sgudal air a chaitheamh air falbh

Ann an aon seòrsa de bhochdainn ris an canar cruaidh-bhochdainn (absolute poverty), tha e doirbh do dhaoine pàigheadh airson nam feumalachdan làitheil aca leithid biadh, fasgadh, slàintealachd agus cùram-slàinte.

Ann an 2022, fhuair am buidheann iomairt an aghaidh bochdainn, an Joseph Rowntree Foundation, a-mach gun robh 13.4 millean neach beò ann am bochdainn ann an 2020/21 (ro chosgaisean taigheadais). Dhiubh sin, bha 7.9m nan inbhich aig aois airson obair, bha 3.9m nan cloinn agus bha 1.7m air a' pheinnsean.

Dè th' ann am bochdainn choimeasach?

Anns an RA, mar as trice canaidh sinn gu bheil bochdainn coimeasach (relative) seach cruaidh. Tha nithean bunaiteach mar biadh no àite-fuirich (anns an fharsaingeachd) aig daoine a tha beò ann am bochdainn choimeasach. Ach chan eil teachd-a-steach gu leòr aig na daoine sin airson làn-phàirt a bhith aca sa chomann-shòisealta. Canar gu bheil daoine ann am bochdainn air an 'dùnadh a-mach gu sòisealta'.

Dè th' ann am bochdainn oifigeil?

Chan eil aon mhìneachadh ann air bochdainn. Tha a' mhòr-chuid de mhìneachaidhean a' cleachdadh teachd-a-steach dhàimheach airson ìre bochdainn a thomhas.

Tha prìomh thomhasan riaghaltas na RA a' gabhail 60 sa cheud de theachd-a-steach chuibheasach mar loidhne na bochdainn. Ma tha teaghlach a' cosnadh nas lugha na 60% dhen teachd-a-steach chuibheasach, canar gu bheil iad ann am bochdainn choimeasach.

Ann an 2022, dh'obraich am buidheann rannsachaidh air bochdainn agus neo-ionannachd 'Trust for London' a-mach gach teachd-a-steach a leanas (an dèidh cosgaisean taigheadais) a dh'fheumadh diofar dhachaighean taobh a-muigh Lunnainn gus nach biodh iad beò ann am bochdainn:

  • neach singilte - £150 san t-seachdain
  • cupall aig aois a bhith ag obair - £259 san t-seachdain
  • pàrant leotha fhèin le aon phàiste (nas sine na bliadhna) - £202 san t-seachdain
  • cupall le dithis chloinne (aois trì agus seachd bliadhna) - £367 san t-seachdain