Neo-ionannachd beairteis is teachd-a-steach
Dè th' ann an teachd-a-steach?

Anns an fharsaingeachd, tha teachd-a-steach a' ciallachadh na tha daoine a' cosnadh. Dh'fhaodadh seo tighinn bho na leanas:
- tuarastal bho obair
- pàigheadh bho stocan is earrannan
- pàigheadh bho pheinnseanan amsaa
Dè th' ann am beairteas?
Tha beairteas a' còmhdach teachd-a-steach agus cuideachd an luach gu lèir a th' ann am maoin neach, me:
- taighean no cuid-seilbh eile
- sealbhan pearsanta mar obair-ealain no seudradh
- airgead sa bhanca
- luach stocan is earrannan amsaa
Ciamar a tha neo-ionannachd teachd-a-steach is beairteis air atharrachadh?
Fad iomadh bliadhna, tha neo-ionannachd teachd-a-steach is beairteis air a bhith a' fàs nas motha anns an RA. Bho rannsachadh a chaidh a dhèanamh le Oxfam ann an 2022, tha barrachd beairteis aig an 1% dhe na daoine as beairtiche anns an RA na tha aig 70% dhen chòrr de shluagh na RA air an cur còmhla, agus tha barrachd aig a' cheathrar as beairtiche ann am Breatainn na tha aig 20 millean neach. (Stòr: Oxfam)
Tha tòrr neo-ionannachd teachd-a-steach is beairteis ann an Alba cuideachd. Ann an 2022, thuirt Oxfam gun robh 217 uiread aig an 10% bu bheairtiche de dh'Albannaich na bha aig an 10% bu mhotha easbhaidh ann an Alba.
Gluasadan ann an neo-ionannachd beairteis is teachd-a-steach
- Anns na 1980an bha an teachd-a-steach aig an 10% a bu bheairtiche ochd uiread an 10 % a bu bhochda. (Stòr: OECD)
- Ann an 2011, bha an teachd-a-steach aig an 10% a bu bheairtiche air a dhol suas gu 12 uiread an 10% a bu bhochda. (Stòr: OECD)
- Ann an 2016, bha 44% dhen bheairteas gu lèir aig an 10% de dhachaighean a bu bheairtiche, ach chan eil ach 9% aig an 50% as bochda. (Stòr: Equality Trust)
- Aig deireadh 2021, thug an 0% aig a' mhullach dhachaigh 36% dhen teachd-a-steach iomlan an taca ris a' bhonn nach tug dhachaigh ach 8%. No ga chur ann an dòigh eile, bha teachd-a-steach de £83,867 son a chaitheamh aig an 20% a b' àirde, agus bha £13,218 son a chaitheamh aig an 20% a b' ìsle. (Stòr: Equality Trust)
- Tha barrachd neo-ionannachd ann an co-roinn beairteis na teachd-a-steach anns an RA. Ann an 2020, bha 43% dhen bheairteas gu lèir aig an 10% a bu bheairtiche, agus dìreach 9% dhen bheairteas gu lèir aig a' 50% a bu bhochda. (Stòr: Oifis nan Staitistigs Nàiseanta)