Dè th' ann an neo-ionannachd slàinte?

Cha bhi a h-uile duine beò chun na h-aon aois, agus cha bhi deagh shlàinte chun na h-aon ìre aig a h-uile duine fad am beatha.
Dìreach mar le teachd-a-steach agus beairteas, tha raon mòr aithisgean agus staitistigean ann le fiosrachadh air neo-ionannachdan slàinte ann an Alba agus anns an RA.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, am measg cuid dhe na h-aithisgean as trice air a bheil iomradh air neo-ionannachd slàinte:
- Equally Well Report (2008 agus aithisg às a dèidh 2010)
- Neo-ionannachd Slàinte ann an Alba, Audit Scotland 2012
- Sgrùdadh Bliadhnail Slàinte ann an Alba (2014)
Tha brathan-ullachaidh ionadail NHS ann cuideachd, cunntasan às ùr bho Riaghaltas na h-Alba agus bho bhuidhnean eile mar an Glasgow Centre for Population and Health a bheir fiosrachadh mionaideach air neo-ionannachdan slàinte.
Neo-ionannachdan slàinte ann an Alba agus anns an RA
Tha neo-ionannachdan slàinte nas motha eadar an fheadhainn as beairtiche agus as bochda anns a' chomann shòisealta agus na pàirtean de dh'Alba (agus dhen RA) sa bheil na daoine sin a' fuireach.
Mar eisimpleir, thuirt Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba ann an 2023 nach robh an dùil-aoise aig boireannaich ann am baile Ghlaschu (sgìre ùghdarras ionadail le aon dhe na h-ìrean easbhaidheach as àirde) ach 78.2 bliadhna an taca ri boireannaich ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear (sgìre ùghdarras ionadail le aon dhe na h-ìrean easbhaidheach as lugha) aig 84.0 bliadhna.
Cha robh an dùil-aoise aig fireannaich ann am baile Ghlaschu ach 72.9 bliadhna an taca ri fireannaich ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Ear (sgìre ùghdarras ionadail le aon dhe na h-ìrean easbhaidheach as lugha) aig 79.9 bliadhna.
Gu h-iomlan, do dh'fhir ann an 2019-2021, bha diofar de 13.7 bliadhna eadar na sgìrean a bu mhotha agus a bu lugha easbhaidh ann an Alba. Do bhoireannaich b' e 10.5 bliadhna an diofar. Thar nam beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha a' bheàrn seo air fàs nas motha eadar na sgìrean as motha agus as lugha easbhaidh ann an Alba.
Tha cuideachd diofar eadar an dùil-aoise ann an diofar nàisean dhen RA.
| Dùthaich | Dùil-aoise fir 2018 - 2020 | Dùil-aoise boireannaich 2018 - 2020 |
| Sasainn | 79.3 | 83.1 |
| Èirinn a Tuath | 78.6 | 82.3 |
| Alba | 76.7 | 81.0 |
| A' Chuimrigh | 78.2 | 82.0 |
| Dùthaich | Sasainn |
|---|---|
| Dùil-aoise fir 2018 - 2020 | 79.3 |
| Dùil-aoise boireannaich 2018 - 2020 | 83.1 |
| Dùthaich | Èirinn a Tuath |
|---|---|
| Dùil-aoise fir 2018 - 2020 | 78.6 |
| Dùil-aoise boireannaich 2018 - 2020 | 82.3 |
| Dùthaich | Alba |
|---|---|
| Dùil-aoise fir 2018 - 2020 | 76.7 |
| Dùil-aoise boireannaich 2018 - 2020 | 81.0 |
| Dùthaich | A' Chuimrigh |
|---|---|
| Dùil-aoise fir 2018 - 2020 | 78.2 |
| Dùil-aoise boireannaich 2018 - 2020 | 82.0 |
Ciamar a bhios gnè a' toirt buaidh air neo-ionannachd slàinte?
Tha neo-ionannachdan slàinte cuideachd eadar fireannaich agus boireannaich.
Thuirt Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba ann an 2020-22 gum b' e 76.5 bliadhna an dùil-aoise aig fir ann an Alba agus 80.7 do bhoireannaich.
Ciamar a bhios buidheann cinnidheach a' toirt buaidh air neo-ionannachd slàinte?
Chan eil fianais air neo-ionannachd slàinte a thaobh fine no cinneadh ann an Alba ri faotainn gu farsaing, ach a thaobh staitistigs, tha e nas buailtichte gum bi slàinte nas fheàrr aig buidhnean mion-chinnidheach na bhios aig an t-sluagh Gheal a tha anns a' mhòr-chuid.
Ach an dèidh sin, ann an cuid de staitistigean slàinte, chan eil cuid de bhuidhnean mion-chinnidheach a' dèanamh cho math agus tha pàtrain ag atharrachadh bho chùis slàinte gu cùis slàinte.
Mar eisimpleir, thuirt aithisg bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2015 (stòr):
- Gun robh slàinte na b' fheàrr am measg a' mhòr-chuid de bhuidhnean mion-chinnidheach na bha am measg a' bhuidhinn 'Albannaich gheal'
- Bha an dà chuid fir agus boireannaich 'Siopsach Geal/Siùbhlaiche' buailteach aithris a thoirt air a dhà uiread de dhuilgheadasan bacaidh no ciorraim anns an ùine-fhada an taca ris a' bhuidheann 'Geal: Albannach'
- Rinn an dà chuid fir agus boireannaich Phagastanach aithris air reatan a bha beagan na b' àirde air duilgheadasan bacadh slàinte no ciorram an taca ris a' bhuidheann 'Geal: Albannach'
- Rinn boireannaich 'Shìonach', 'Geal: Pòlainneach' agus 'Àisianach eile' aithris air faisg air leth a-rithist dhen àireimh de dhuilgheadasan bacadh slàinte no ciorram an taca ris a' bhuidheann bhoireannaich 'Geal: Albannach'. Bha seo cuideachd fìor a thaobh fhireannaich a bha 'Geal: Pòlainneach', 'Afraganach' agus 'Sìonach'
- Tha cuid de thinneasan mar diabetes nas bitheanta ann an daoine bho mhion-chinnidhean