Adhbharan neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachÌre teachd-a-steach ìosal

Beachdaich air na h-adhbharan airson bochdainn agus neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach ann an Alba agus sa chòrr dhen RA.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Ìre teachd-a-steach ìosal

'S e an Tuarastal Bith-beò Nàiseanta (National Living Wage no NLW) am pàigheadh as ìsle san uair a dh'fheumas luchd-obrach fhaighinn fon lagh. Bhon Ghiblean 2024 b' e £11.44 an reat do dhaoine a bha aois 21 no nas sine.

Tha còir aig luchd-obrach a tha fo aois 21 air Tuarastal Bith-beò Nàiseanta (NLW). Bidh reat an tuarastail gach uair a rèir an aois agus an e preantas a th' annta.

AoisReat bhon Ghiblean 2023Reat bhon Ghiblean 2024
21 agus nas sine£10.18£11.44
18 - 20£7.49£8.60
Fo 18£5.28£6.40
Preantas£5.28£6.40
Aois21 agus nas sine
Reat bhon Ghiblean 2023£10.18
Reat bhon Ghiblean 2024£11.44
Aois18 - 20
Reat bhon Ghiblean 2023£7.49
Reat bhon Ghiblean 2024£8.60
AoisFo 18
Reat bhon Ghiblean 2023£5.28
Reat bhon Ghiblean 2024£6.40
AoisPreantas
Reat bhon Ghiblean 2023£5.28
Reat bhon Ghiblean 2024£6.40

A dh'aindeoin an NLW/NMW, tha am pàigheadh ìosal ann an iomadh obair ann an còcaireachd, glanadh agus cùram. Glè thric, cha bhi daoine anns na h-obraichean sin a tha air an NLW/NMW a' cosnadh gu leòr airgid airson a h-uile sìon a phàigheadh. Canar gu bheil ann am "bochdainn le cosnadh" bhon nach eil an teachd-a-steach aca mòr gu leòr airson an togail a-mach à bochdainn. Tha luchd-iomairt an aghaidh bochdainn ag iarraidh reat nas motha san uair no Fìor Thuarastal Bith-beò (Real Living Wage) a bhios co-dhiù £10.90 san uair (2023).

Ann an cuid de dhòighean, tha e nas dorra a bhith le pàigheadh ìosal na bhith gun chosnadh, oir faodaidh nach bi còir aig na daoine sin air an aon shochairean ri daoine a tha gun chosnadh. Tha aon às gach seachd iarrtas a thèid a chur gu bancaichean-bìdh an Trussell Trust do dhaoine a tha ag obair – a' mhòr-chuid pàirt-ùine.