Adhbharan neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachÌre ìosal ann an coileanadh foghlaim

Beachdaich air na h-adhbharan airson bochdainn agus neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach ann an Alba agus sa chòrr dhen RA.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Ìre ìosal ann an coileanadh foghlaim

'S e teisteanasan foghlaim aon dhe ne prìomh dhòighean anns am faigh daoine obair le pàigheadh math.

Ann an Alba, mar anns a' mhòr-chuid de dhùthchannan, tha ìrean nas àirde ann am foghlam mar as trice a' ciallachadh ìrean nas àirde de thuarastal. Mar a tha an eaconamaidh stèidhichte barrachd is barrachd ann an teicneòlas, tha na h-obraichean le pàigheadh math barrachd is barrachd fosgailte a-mhàin do dhaoine le sgilean buntainneach agus teisteanasan matha.

Air an làimh eile, glè thric bidh daoine aig nach eil mòran theisteanasan foghlaim no sgilean ga fhaighinn doirbh cothrom no obair fhaighinn le deagh phàigheadh. A rèir aithisg bho Riaghaltas na RA, choisinn ceumnaichean à oilthigh £10,000 sa bhliadhna a bharrachd air feadhainn nach deach dhan oilthigh ann an 2018.

Dè tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh mu ìre coileanaidh ann am foghlam?

Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba (SAC)

Ann an 2015, stèidhich Riaghaltas na h-Alba Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba (Scottish Attainment Challenge no SAC). B' e iomairt iomadh millean not a bha seo a bha air a dhealbh airson cuideachadh a' dùnadh a' bheàirn eadar coileanadh foghlaim chloinne ann an sgìrean nas beairtiche agus an fheadhainn ann an sgìrean nas bochda. Ann an 2022, chaidh an SAC ùrachadh le planaichean airson barrachd maoineachaidh ann an 2025-26.

Maoin Cothromas Sgoilearan (PEF)

Taobh a-staigh maoineachadh SAC, tha corra iomairt taic foghlaim mar Maoin Cothromas Sgoilearan (Pupil Equity Fund no PEF). Tha am PEF air a dhealbh gus dèanamh cinnteach nach bi bacadh sam bith ro sgoilearan bho sgìrean bochda air sgàth cosgais. Air feadh Alba, chaidh PEF a chleachdadh airson taic a thoirt do Chlubaichean Bracaist, airson airgead a chur ri uidheamachd a cheannach no airson leigeil le sgoilearan tachartasan a-mach às an sgoil a fhrithealadh a dh'fheumadh iad pàigheadh air a shon airson a dhol ann.