Adhbharan neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachNeo-ionannachd cinnidheach

Beachdaich air na h-adhbharan airson bochdainn agus neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach ann an Alba agus sa chòrr dhen RA.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Neo-ionannachd cinnidheach

Tha ceangal teaghlaich aig na prìomh mhion-chinnidhean san RA ri dùthchannan a' Cho-fhlaitheis mar fo-mhòr-roinn nan Innseachan, na h-Innseachan an Iar agus pàirtean de dh'Afraga. Rugadh a' mhòr-chuid de Bhreatannaich nach eil geal anns an rìoghachd seo.

Fear ag obair ann an cidsin

Ach ge-tà, a dh'aindeoin bliadhnaichean de reachdas, bidh saoranaich nach eil geal fhathast a' coinneachadh ri leth-bhreith agus naimhdeas. Anns a' chuibheas, chan eil uiread de theachd-a-steach aca agus tha iad nas dòcha a bhith a' fuireach ann an dachaighean sa bheil cus dhaoine na tha a' mhòr-chuid gheal.

Ged a tha leth-bhreith chinneadail an aghaidh an lagh, tha mion-chinnidhean nas dòcha a bhith beò ann am bochdainn. A dh'aindeoin sin, bidh iad a' dèanamh math ann am foghlam ann an Alba le sgoilearan le ceangal teaghlaich ri Afraga, an Caribbean, na h-Innseachan, Pagastan agus Sìona a' coileanadh nas fheàrr na sgoilearan geala aig ìre Nàiseanta 4, 5 agus aig an Àrd Ìre. San RA gu lèir tha barrachd oileanaich bho mhion-chinnidhean a' dol dhan oilthigh na oileanaich gheala.

Tha duilgheadas a' tòiseachadh do mhion-chinnidhean às dèidh ceumnachadh oir chan eil iad cho buailteach a bhith air am fastadh, agus ma tha iad air am fastadh, tha iad buailteach a bhith a' cosnadh nas lugha. A dh'aindeoin sin, tha daoine bho mhion-chinnidhean san RA nas buailtiche a bhith ag obair ann am proifeisean na tha daoine geala. Tha figearan Riaghaltas na RA a' sealltainn eadar 2019 agus 2021 gun robh àireamh chuibheasach de 79% de dhachaighean Bangladeshi anns an dà chòigeamhail as lugha teachd-a-steach (às dèidh cosgaisean taigheadas a thoirt dheth) – b' e seo an ceudad a b' àirde dhe na buidhnean cinnidheach gu lèir.

Faodaidh factaran cultarail leithid creideamh agus cànan a dhèanamh nas dorra do chuid de bhuidhnean obair fhaighinn no pàirt a ghabhail ann an cuid de chùisean ann an comann-sòisealta na RA.

Tha diofar cuideachd eadar na mion-chinnidhean. Tha cuid de bhuidhnean Àisianach, mar na h-Innseanaich agus na Sìonaidh, buailteach a bhith nas fheàrr dheth na Afro-Charibbeanaich oir tha iad nas dòcha gnothachasan a bhith aca agus teisteanasan proifeiseanta. Mar eisimpleir, lorg sgrùdadh air Cunntas-sluaigh na h-Alba ann an 2021 gun robh barrachd theisteanasan aig a' bhuidheann chinnidheach Afraganach na bha aig feadhainn eile – bha teisteanas oilthigh no proifeiseanta aig 55.1% de dhaoine a bha 16 no nas sine anns a' bhuidheann Afraganach, an taca ri 29.0% dhen bhuidheann Gheal Albannach.

Dàimhean ris a' phoileas

Tha na dàimhean eadar na poilis agus cuid de mhion-chinnidhean air a bhith doirbh. Tha e doirbh dha na poilis daoine fhastadh bho choimhearsnachdan nam mion-chinnidhean a dh'aindeoin phrògraman air an dealbh gus leasachadh a thoirt air a' cheudad uabhasach ìosal a th' aca de dh'oifigearan Àisianach agus de dh'oifigearan dubh. Mar eisimpleir, Ro-innleachd Co-ionannachd, Iomadachd agus Ion-ghabhail Poileas Alba 2022-26.

Coimisean na Co-ionannachd agus nan Còraichean Daonna (EHRC)

Ann an 2007 thug Coimisean na Co-ionannachd agus nan Còraichean Daonna (EHRC) còmhla obair a' Choimisean Co-ionannachd Cothruim, obair a' Choimisean Co-ionannachd Chinneadail agus obair Coimisean nan Còraichean Ciorraim. Tha an EHRC ag obair airson cur às do leth-bhreith, neo-ionannachd a bheagachadh, còraichean daonna a dhìon airson gum bi teansa chothromach aig a h-uile duine pàirt a ghabhail anns a' chomann-shòisealta. Tha an t-uallach orra cuideachd airson cùisean eile co-cheangailte ri co-ionannachd: aois, aidmheil cleamhnais, agus creideamh no creideas, a bharrachd air còraichean daonna.

Chaidh a chur an gnìomh san Dàmhair 2010. Chaidh a toirt a-steach airson reachdas leth-bhreith a neartachadh anns gach riochd dheth, agus airson gum biodh Breatainn na àite nas cothromaiche. Ghabh i àite naoi pìosan reachdais a bha a' dol air ais gu Achd Co-ionannachd an Tuarastail (1970) agus Achd an Leth-bhreith (2005).