Adhbharan neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachCùisean a' toirt buaidh air neo-ionannachd

Beachdaich air na h-adhbharan airson bochdainn agus neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach ann an Alba agus sa chòrr dhen RA.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Cùisean a' toirt buaidh air neo-ionannachd

Gun dachaigh

Tha obair le tuarastal math na aon dòigh a-mach à bochdainn, ach tha e doirbh obair fhaighinn nuair nach eil seòladh agad a chuireas tu air iarrtasan obrach.

Chan eil e idir furasta a bhith air do sgeadachadh gu sgiobalta, a bhith misneachail agus air do dheagh ullachadh airson agallamh obrach mura h-eil dachaigh agad. Tha e cuideachd doirbh fhios a bhith agad far an tèid thu a lorg obair nuair a tha thu a' strì airson do chumail fhèin beò gach là.

Dh'fhaodar a ràdh nach e a-mhàin gu bheil daoine gun dachaigh beò ann am bochdainn choimeasach, ach tha iad nas miosa dheth buileach beò ann an cruaidh-bhochdainn.

Dìth gluasadachd shòisealta

Tha an teirm gluasadachd shòisealta air a chleachdadh gus cunntas a thoirt air mar a dh'fhaodas daoine an cor a leasachadh anns a' chomann-shòisealta.

San fharsaingeachd, thèid aig daoine air an suidheachadh aca agus an teachd-a-steach a leasachadh ma tha foghlam math aca no sgil air choreigin. Ach, tha fianais ann bhon Sutton Trust a' sealltainn gu bheil ìrean ìosal de ghluasadachd shòisealta anns an RA – ma bheirear cuideigin ann am bochdainn, tha iad buailteach a bhith bochd fad am beatha.

Eaconamaidh gig

O chionn beagan bhliadhnaichean, tha obair ann an eaconamaidh gig air a dhol am meud (gu mu leth mhillean neach).

Canar eaconamaidh gig ri obair a tha sealach le uairean neo-chunbhalach. Do chuid a tha ag obair anns an eaconamaidh gig mar dhràibhearan no luchd-lìbhrigidh, faodaidh teachd-a-steach neo-chunbhalach a bhith a’ ciallachadh nach eil iad a' cosnadh gu leòr airson cosgaisean a phàigheadh. Ach, faodaidh obair mar seo sùbailteachd a thoirt do dhaoine a thaobh uairean obrach agus lathaichean. Dh’fhaodadh seo a bhith na bhuannachd do dhaoine a tha a' coimhead às dèidh cuideigin anns an teaghlach, no a tha ann am foghlam làn-ùine.

Cosgais cùraim

'S e cosgais cùram chloinne aon dhe na prìomh dhùbhlain a tha aig daoine a tha a' feuchainn ri obair a ghabhail no dìth taic nuair a tha iad a' coimhead às dèidh cuideigin eile a tha a' cur feum air cùram.

Airson teaghlaichean le clann aois 2-4 a chuideachadh gus obair le tuarastal a ghabhail, chuir Riaghaltas na h-Alba am meud an àireamh uairean de chùram chloinne a tha a' faighinn taic on riaghaltas ann an 2021 gu 1,140 uair (no 30 uair a thìde san t-seachdain ma thèid an gabhail ann an teirmean na sgoile).