Adhbharan neo-ionannachd shòisealta agus eaconamachNeo-ionannachd eadar fir agus boireannaich – Neo-ionannachd pàighidh

Beachdaich air na h-adhbharan airson bochdainn agus neo-ionannachd shòisealta agus eaconamach ann an Alba agus sa chòrr dhen RA.

Part ofNuadh-eòlasNeo-ionannachd

Neo-ionannachd eadar fir agus boireannaich – Neo-ionannachd pàighidh

Neach-cùraim a' frithealadh seann bhoireannach

Ann an 2022, a rèir figearan Oifis nan Staitistigean Nàiseanta, bha beàrn de 14.9% san fharsaingeachd anns a' phàigheadh chuibheasach san uair eadar fir agus boireannaich:

  • airson luchd-cosnaidh làn-ùine, b' e 8.3% a' bheàrn a bha eadar fir agus boireannaich
  • airson luchd-cosnaidh pàirt-ùine, far a bheil fada a bharrachd de bhoireannaich na fir, bha boireannaich a' cosnadh mu 2.8% a bharrachd air fir

Dè tha ag adhbharachadh neo-ionannachd tuarastail nan gnè?

'S e an seòrsa obrach aon mhìneachadh air neo-ionannachd tuarastail nan gnè (no "beàrn pàighidh nan gnè").

Tha boireannaich nas buailtiche a bhith nam prìomh luchd-cùraim ann an teaghlaichean agus tha iad nas trice ann an obair cùraim na tha fir. Tha còrr is 38% de bhoireannaich ag obair pàirt-ùine, an taca ri dìreach 14% de dh'fhir. Tha seo, san fharsaingeachd, a' ciallachadh nach eil boireannaich a' cosnadh uiread. Ach tha boireannaich a tha ag obair pàirt-ùine buailteach a bhith ag obair ann an dreuchdan le nas lugha de sgilean agus nas lugha de phàigheadh. 'S e na dreuchdan sin cùram, obair clèireachd, cistearachd (a' gabhail airgead ann an àitichean), còcaireachd agus glanadh. Chan eil ach 12% de bhoireannaich a tha ag obair anns an roinn phrìobhaidich ann an obraichean le sàr sgilean.

Dealbh a' sealltainn cuid de na h-obraichean pàirt-ùine a tha boireannaich buailteach a bhith a' dèanamh

Glè thric tha leisg air fir cur airson obair co-cheangailte ri cùram chloinne, daoine nas sine no daoine eile a dh'fheumas cùram. Mar eisimpleir, tha fada a bharrachd bhoireannaich na fir nan tidsearan bun-sgoile ann an Alba le 89% an taca ri 11%. Chan eil an diofar a thaobh gnè cho mòr anns na h-àrd-sgoiltean ach tha iad fhathast mòr gu leòr le 65% de thidsearan nam boireannaich agus dìreach 35% nam fir.

Ciamar a bhios an comann-sòisealta a' coimhead air diofar sheòrsaichean obraichean?

Chan eil an comann-sòisealta san fharsaingeachd a' cur uiread de luach eaconamach air an obair a tha luchd-cùraim a' dèanamh na tha e a' cur air obair mar ionmhas no einnseanairidh far am faighear a' mhòr-chuid de dh'fhireannaich.

Le boireannaich anns a' mhòr-chuid dhe na h-obraichean, tha mòran dhe na h-obraichean cùraim pàirt-ùine agus gun tèarainteachd obrach no rudan tarraingeach eile mar saor-làithean le pàigheadh agus peinnsean companaidh. Tha sia millean boireannach anns an RA ag obair pàirt-ùine, agus tha sin co-ionann ri 40% dhe na boireannaich gu lèir a tha ag obair. Tha boireannaich cuideachd nas buailtiche a bhith ag obair mar luchd-cùraim gun phàigheadh a' coimhead às dèidh chàirdean.

Ciamar a tha fòrladh màthaireil a' toirt buaidh air obair?

Gach bliadhna anns an RA tha mu 54,000 boireannach a' call an obair air sgàth leatromachd no fòrladh màthaireil.

Dè th' anns a' mhullach ghlainne?

Nuair a thathar a' beachdachadh air am 'mullach glainne', 's ann a thathar a' bruidhinn air an t-suidheachadh anns a bheil boireannaich nuair a tha iad a' faicinn an t-slighe chun a' mhullaich anns an dreuchd aca, ach gu bheil cnapan-starra nach eil follaiseach a' cur stad orra an ìre seo a ruighinn. Dh'fhaodadh na bacaidhean seo a bhith a' gabhail a-steach uairean obrach neo-shùbailte no nas fhaide nach eil a' toirt uiread de chothrom do bhoireannaich a tha a' coimhead às dèidh clann òg. Ann an 2023, sheall an Aithisg air Gnè agus Cumhachd nach robh ach 7% de na prìomh ghnothachasan ann an Alba le boireannaich os an cionn ged a tha boireannaich a’ dèanamh suas 40% le luchd-obrach na RA.