Dè a tha an lùib dreuchd Prìomh Mhinistear na h-Alba?
Dìreach mar a tha ceannard Riaghaltas na RA na Phrìomhaire, canar Prìomh Mhinistear na h-Alba ri ceannard Riaghaltas na h-Alba. Tha iad le chèile air an cur dhan dreuchd leis a' monarcRìgh no Banrigh..
Tha am Prìomhaire air a thaghadh le BP bhon phartaidh aca fhèin, agus tha am Prìomh Mhinistear air a thaghadh le mòr-chuid dhe na BPA gu lèir.
Dh'fhaodadh BPA sam bith a bhith nam Prìomh Mhinistear, ach 's àbhaist gur e ceannard a' phartaidh leis an àireimh as motha de BPA a bhios ann.
Dè na dleastanasan a th' air Prìomh Mhinistear na h-Alba?
Tha dleastanasan Prìomh Mhinistear na h-Alba a' gabhail a-steach:
- co-dhùnadh air slighe agus prìomhachasan Riaghaltas na h-Alba
- Iar-Phrìomh Mhinistear a thaghadh, rùnairean a' chaibineit agus ministearan eile
- a bhith sa chathair ann an caibineit na h-Alba
- Am Morair Tagraidh, An t-Àrd-neach-lagha agus britheamhan ainmeachadh
- Alba a riochdachadh aig an taigh agus thall thairis
Dè an structar a tha air Riaghaltas na h-Alba?
Bidh am Prìomh Mhinistear sa chathair ann an Caibineit na h-Alba, am prìomh bhuidheann a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean ann an Riaghaltas na h-Alba. Tha an caibineit air a dhèanamh suas le rùnairean a' chaibineit a bhios os cionn roinnean an riaghaltais, me Foghlam agus Sgilean.
Tha gach rùnaire dhen chaibineit a' faighinn taic bho ghrunn dhe na fo-mhinistearan Albannach, a tha iad fhèin a' faighinn taic bho seirbheiseach catharraAn fheadhainn a bhios ag obair ann an roinnean dhen riaghaltas no buidhnean co-cheangailte ris còmhla ri oifigearan taghte. no luchd-obrach an riaghaltais.
Tha am Prìomh Mhinistear agus an caibineit aca gu lèir cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba airson nam poileasaidhean aca agus na nì iad.
Thathar a' sùileachadh orra nochdadh air beulaibh na pàrlamaid gach seachdain agus ceistean bho na BPA a fhreagairt.
Cò am Prìomh Mhinistear ann an Alba an-dràsta?
An dèidh taghadh 2021, b' ann aig Partaidh Nàiseanta na h-Alba a bha an àireamh bu mhotha de BPA agus chaidh Nicola Sturgeon a thaghadh a-rithist mar Phrìomh Mhinistear.
Chaidh ceannard PNA, Humza Yousaf, na Phrìomh Mhinistear anns a' Mhàrt 2023 an dèidh taghadh ceannaird nuair a leig Nicola Sturgeon dhith a dreuchd.
Anns a' Chèitean 2024, leig Humza Yousaf seachad a bhith na Phrìomh Mhinistear agus na cheannard air PNA. Tha John Swinney air gabhail thairis mar cheannard PNA agus chaidh ainmeachadh mar Phrìomh Mhinistear.
Dè a tha an lùib dreuchd Prìomh Mhinistear na h-Alba?
Tha iomadh dreuchd aig a' Phrìomh Mhinistear (PM) mar taghadh ministearan a' chaibineat, a' dol dhan chathair aig coinneamhan dhen chaibineat, a' riaghladh Riaghaltas na h-Alba le bhith a' toirt beachd deireannach air co-dhùnaidhean poileasaidh agus buidseat agus a' riochdachadh Alba. Mar cheannard Riaghaltas na h-Alba, tha an t-uallach orra bruidhinn agus obrachadh às leth Alba. Mar eisimpleir, bha Humza Yousaf an làthair aig crùnadh an Rìgh Theàrlaich air 6mh Cèitean 2023.
Faodaidh am Prìomh Mhinistear ceannardan roinnean atharrachadh agus faodaidh iad daoine a chur às an dreuchd mura bheil iad a' dèanamh obair mhath. Chan eil riaghaltas mòr-chuid aig PNA agus tha iad mar sin an urra ri rudan obrachadh a-mach còmhla ri partaidhean eile airson bilean fhaighinn troimhe.