Cumhachd agus co-dhùnaidhean ann an AlbaA' dèanamh cho-dhùnaidhean poilitigeach ann an Alba

Sgrùd feartan comann-sòisealta poilitigeach agus deamocratach, cùisean tiomnaichte agus glèidhte, agus dreuchd agus cumhachdan Prìomh Mhinistear na h-Alba.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

A' dèanamh cho-dhùnaidhean poilitigeach ann an Alba

Seach gu bheil Alba mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte, bidh cuid de cho-dhùnaidhean a thaobh dè thachras ann an Alba air an dèanamh ann am Pàrlamaid na RA ann a' Westminster, Lunnainn.

Ach bho 1999, tha cuid de cho-dhùnaidhean air an dèanamh do dh'Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann.

A thuilleadh air an sin, bidh comhairlichean a' dèanamh cho-dhùnaidhean ionadail anns na 32 comhairlean ionadail ann an Alba, me Comhairle Baile Ghlaschu.

Carson a tha Alba air a riochdachadh ann an dà phàrlamaid?

Coimhead a' bhidio seo agus faic carson a tha Alba air a riochdachadh ann an dà phàrlamaid: Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann agus Pàrlamaid na RA ann an Lunnainn.

Why are there two parliaments?

Anns a' phròiseas ris an canar 'fèin-riaghladh', bidh co-dhùnaidhean a bhios a' bualadh air Alba gan dèanamh ann am Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann, seach ann am pàrlamaid na RA ann an Lunnainn. Thàinig am pròiseas seo gu bith air sgàth iomairt fad ceathrad bliadhna agus referendum airson pàrlamaid a thoirt do dh'Alba.

Carson a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh?

Nuair a chaidh na Làbaraich a thaghadh mar Riaghaltas na RA ann an 1997, gheall iad gum faigheadh Alba fèin-riaghladh ma bha iad ga iarraidh. Chaidh referendum a chumail ann an 1998.

Anns an referendum seo, bha 74% de dh'Albannaich airson Pàrlamaid ann an Alba. Dh'fhosgail i dà bhliadhna an dèidh sin – air 1 Iuchar 1999.