Cumhachd agus co-dhùnaidhean ann an AlbaCumhachdan tiomnaichte agus glèidhte ann an Alba

Sgrùd feartan comann-sòisealta poilitigeach agus deamocratach, cùisean tiomnaichte agus glèidhte, agus dreuchd agus cumhachdan Prìomh Mhinistear na h-Alba.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

Cumhachdan tiomnaichte agus glèidhte ann an Alba

Tha cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba bho Phàrlamaid na RA. Bha liosta dhiubh sin ann an . Ach bidh Pàrlamaid na RA fhathast a' dèanamh cho-dhùnaidhean do dh'Alba ann an cuid de raointean.

Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh taobh a-staigh an RA

Dè na cumhachdan a tha tiomnaichte gu Pàrlamaid na h-Alba?

  • Slàinte - ann an Alba (ospadalan, seirbheisean dotair agus msaa)
  • Foghlam - sgoiltean-àraich, sgoiltean, colaistean agus oilthighean
  • Riaghaltas ionadail – dleastanas airson 32 de chomhairlean ionadail seirbheisean a lìbhrigeadh leithid rathaidean agus cùram sòisealta
  • Lagh agus Cùisean na Dùthcha - lagh eucorach, lagh catharra, am poileas, seirbheisean cùirte is prìosain, an t-seirbheis smàlaidh
  • An Àrainneachd – dìon na h-àrainneachd, bacadh thuiltean agus msaa
  • Spòrs agus na h-Ealain – a' brosnachadh spòrs, taighean-tasgaidh, togalaichean eachdraidheil agus msaa
  • Tèarainteachd Shòisealta – cuid de chumhachdan air sochairean a bharrachadh
  • Cìsean – smachd air pàirt de agus na h-Alba

Dè na cumhachdan a tha glèidhte le Pàrlamaid na RA?

  • Cùisean Bun-reachdail – co-dhùnaidhean air fèin-riaghladh do dh'Alba, dhan Chuimrigh is do Èirinn a Tuath
  • Dìon – An t-Arm, An Cabhlach Rìoghail agus Feachd Rìoghail an Adhair
  • Poileasaidh Cèin – dàimh ri dùthchannan eile, me An t-Aonadh Eòrpach no Na Stàitean Aonaichte
  • Prìomh Phoileasaidh Eaconamach – cuid de chìsean, leithid cìsean gnìomhachais
  • Tèarainteachd Shòisealta – smachd air sochairean glèidhte: creideas coitcheann agus creideas cìse
  • Eile – in-imrich agus smachd air drogaichean

Dè th' ann an Achd na h-Alba 2012?

Mar thoradh air Achd na h-Alba 2012, faodaidh Pàrlamaid na h-Alba reat chìsean na h-Alba atharrachadh suas gu 10% agus tha cumhachdan iasaid aca suas gu £5 billean.

Dè th' ann an Achd na h-Alba 2016?

An dèidh an referendum air neo-eisimeileachd ann an 2014, fhuair Pàrlamaid na h-Alba barrachd chumhachdan. Bha seo a' gabhail a-steach cumhachd thar gach reat is bann de Chìs Cosnaidh na h-Alba, na thèid a thogail leis a' Chìs Luach Leasaichte, math dhaoine agus sochairean. Tha seo na leudachadh air na cumhachdan a chaidh a thoirt seachad mar phàirt de dh'Achd na h-Alba 2012.