Dè na còraichean is na dleastanasan a th' air daoine ann an Alba?
Coimhead a' bhidio seo mu na còraichean is na dleastanasan a th' air daoine a' fuireach ann an Alba.
Rights and responsibilities
Tha diofar chòraichean is dhleastanasan oirnn a rèir 's dè an dùthaich às a bheil sinn. Tha na còraichean poilitigeach a th' aig daoine ann an Alba air an cothromachadh le dleastanasan:
| Còraichean | Dleastanasan |
| Còir bhòtaidh - Ann an Alba, faodaidh gach neach a tha còrr is 16 bliadhna a dh'aois, agus a tha air a' chlàr bhòtaidh, bhòtadh ann an taghaidhean na comhairle ionadail agus ann an taghaidhean agus referenda Pàrlamaid na h-Alba. | Tha dleastanas air daoine ann an Alba gabhail ri toraidhean taghaidh, fiù 's ged nach biodh iad ag aontachadh ris na toraidhean. |
| Còir air saorsa labhairt - Ann an Alba, tha a' chòir aig daoine bruidhinn le saorsa mu gach topaig anns a' chomann-shòisealta. Tha seo a' gabhail a-steach an riaghaltas a chàineadh no taic a thoirt dhaibh. | Tha dleastanas air daoine ann an Alba cànan suarach a sheachnadh agus gun a bhith a' cur sìos air duine no buidheann sam bith anns a' chomann-shòisealta. |
| Còir air fianais-dhùbhlain - Ann an Alba, faodaidh a h-uile duine am beachdan a shealltainn ann an diofar dhòighean – bho bhith ann am buidhnean iomairt gu bhith a' soidhnigeadh athchuingean gu bhith a' caismeachd air an t-sràid agus a' co-roinn bheachdan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh. | Tha dleastanas air daoine ann an Alba cumail ris an lagh, ainneart a sheachnadh agus gun eagal a chur air duine, agus pàirt a ghabhail ann am fianais-dhùbhlain sam bith a' cleachdadh dhòighean sìtheil. |
| Saorsa a dhol an sàs ri feadhainn eile - Ann an Alba, faodaidh daoine gabhail ann am partaidh poilitigeach, buidheann iomairt no aonadh ciùird. | Tha dleastanas air daoine ann an Alba cìsean a phàigheadh dhan bhuidheann agus a bhith cinnteach nach toir iad droch chliù air a' bhuidheann tro dhroch cainnt no mì-mhodh. |
| Còraichean | Còir bhòtaidh - Ann an Alba, faodaidh gach neach a tha còrr is 16 bliadhna a dh'aois, agus a tha air a' chlàr bhòtaidh, bhòtadh ann an taghaidhean na comhairle ionadail agus ann an taghaidhean agus referenda Pàrlamaid na h-Alba. |
|---|---|
| Dleastanasan | Tha dleastanas air daoine ann an Alba gabhail ri toraidhean taghaidh, fiù 's ged nach biodh iad ag aontachadh ris na toraidhean. |
| Còraichean | Còir air saorsa labhairt - Ann an Alba, tha a' chòir aig daoine bruidhinn le saorsa mu gach topaig anns a' chomann-shòisealta. Tha seo a' gabhail a-steach an riaghaltas a chàineadh no taic a thoirt dhaibh. |
|---|---|
| Dleastanasan | Tha dleastanas air daoine ann an Alba cànan suarach a sheachnadh agus gun a bhith a' cur sìos air duine no buidheann sam bith anns a' chomann-shòisealta. |
| Còraichean | Còir air fianais-dhùbhlain - Ann an Alba, faodaidh a h-uile duine am beachdan a shealltainn ann an diofar dhòighean – bho bhith ann am buidhnean iomairt gu bhith a' soidhnigeadh athchuingean gu bhith a' caismeachd air an t-sràid agus a' co-roinn bheachdan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh. |
|---|---|
| Dleastanasan | Tha dleastanas air daoine ann an Alba cumail ris an lagh, ainneart a sheachnadh agus gun eagal a chur air duine, agus pàirt a ghabhail ann am fianais-dhùbhlain sam bith a' cleachdadh dhòighean sìtheil. |
| Còraichean | Saorsa a dhol an sàs ri feadhainn eile - Ann an Alba, faodaidh daoine gabhail ann am partaidh poilitigeach, buidheann iomairt no aonadh ciùird. |
|---|---|
| Dleastanasan | Tha dleastanas air daoine ann an Alba cìsean a phàigheadh dhan bhuidheann agus a bhith cinnteach nach toir iad droch chliù air a' bhuidheann tro dhroch cainnt no mì-mhodh. |