Partaidhean poilitigeach ann an Alba
Dè th' ann am partaidh poilitigeach?
'S e buidheann dhaoine leis an aon seòrsa bheachdan is chreideasan a th' ann am partaidh poilitigeach. Tha iad a' tighinn còmhla gus na h-amasan aca a choileanadh. Bidh beachdan partaidh poilitigeach ann an sgrìobhainn ris an can sinn manifestoSgrìobhainn le iomradh air beachdan partaidh poilitigeach agus na tha iad an dùil a dhèanamh ma thèid an taghadh.. Tha manifesto a' phartaidh na bhunait airson obair a nì partaidh ma bhuannaicheas iad taghadh.
Cò na partaidhean poilitigeach a tha ann an Alba?
Tha iomadh partaidh ann an Alba agus tha am beachdan is am poileasaidhean fhèin aca uile. Am measg nam partaidhean as motha tha:
- Partaidh Làbarach na h-Alba
- Partaidh Libearalach Dheamocratach na h-Alba
- Partaidh Nàiseanta na h-Alba
- Partaidh Tòraidheach na h-Alba
- Partaidh Uaine na h-Alba
Ciamar a bhios daoine a' gabhail pàirt ann am partaidhean poilitigeach?
A bharrachd air a bhith a' bhòtadh ann an taghaidhean, faodaidh daoine pàirt a ghabhail ann am partaidhean poilitigeach le bhith:
- a' gabhail ballrachd ann am partaidh
- a' seasamh mar thagraiche
- a' toirt airgead do phartaidh
- a' gabhail pàirt ann an iomairtean (me a' toirt seachad bhileagan agus a' cur suas phostairean)
'S àbhaist do phartaidhean poilitigeach a bhith nas soirbheachaile ma tha mòran bhall aca a tha deònach obair a dhèanamh dhaibh agus ma gheibh iad airgead bho bhuill a' phartaidh agus bho luchd-taic.
Faodaidh duine sam bith a bhith na bhall ann am partaidh poilitigeach. Chan eil na cìsean airson nam prìomh phartaidhean uabhasach daor idir airson gun tarraing iad a-steach nas urrainn dhaibh de dhaoine. Aig àm taghaidh tha riaghailtean ann a thaobh dè na dh'fhaodas partaidhean a chosg de dh'airgead.
Tha partaidhean poilitigeach air tòrr a chosg air na làraich-lìn aca agus air meadhanan sòisealta airson gum bi conaltradh nas fheàrr eadar iad agus luchd-bhòtaidh is luchd-taic. Tha PNA air na meadhanan sòisealta a chleachdadh gu h-èifeachdach gus taic a chur ri iomairtean an taghaidh ann an 2019 agus 2021.