Dè na diofar dhòighean a th' ann pàirt a ghabhail ann am poilitigs?
Tha barrachd an lùib a bhith a' gabhail pàirt ann am poilitigs na bhith a' bhòtadh airson riaghaltas a thaghadh.
Iomairtean air-loidhne agus athchuingean

Tha iomairtean air-loidhne a' sìor fhàs measail aig daoine le mòran a' cleachdadh an eadar-lìn airson dùbhlan a thogail no airson beachdan dhaoine atharrachadh mu iomadh cuspair.
Mar thoradh air cho measail 's a tha daoine air iomairtean air-loidhne, tha poileasaidh a-nis aig riaghaltas na RA far am feumar tagraidhean ris an cuir còrr is 100,000 an ainm a dheasbad ann an Taigh nan Cumantan.
Mar eisimpleir, tha còrr is dà mhillean ball aig an fhòram iomairt 38 Degrees a tha stèidhichte san RA. Bidh am buidheann a' cur air dòigh, agus a' cur air adhart, iomairtean gus atharrachadh a thoirt air raon farsaing de chùisean poilitigeach agus sòisealta. Faodaidh na h-iomairtean seo a bhith:
- nan athchuingean air-loidhne airson cùisean a dheasbad sa Phàrlamaid
- nan dùbhlain fhiosaigeach
- nan taic airson cuideam a chur air companaidhean airson am bathar aca a sheachnadh

Ann am Pàrlamaid na h-Alba, bidh Comataidh Compàirteachadh Shaoranach agus Athchuingean Poblach a' beachdachadh air cùisean a bheir daoine bhon phoball gu aire na pàrlamaid mar athchuinge. Chan eil crìochan sam bith ann a thaobh àireamh nan ainmean-sgrìobhte a tha a dhìth.
Diofar dhòighean air pàirt a ghabhail ann am poilitigs
Am measg dhòighean eile air pàirt a ghabhail tha:
- a' cumail suas ri dè tha a' tachairt anns an sgìre agad cho math ri dè tha a' dol gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta
- a' seasamh mar thagraiche
- a' toirt taic do thagraiche ann an iomairt taghaidh le bhith a' sgaoileadh bhileagan no a' dol bho dhoras gu doras
- a' dol gu fianaisean dùbhlain agus ralaidhean mu chùisean, mar eisimpleir, atharrachadh na gnàth-shìde