Comann-sòisealta poilitigeach agus deamocratach ann an Alba
Dè th' ann am monarcachd bhun-reachdail?
Tha Alba na pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte (RA).
'S e monarcachd bhun-reachdail a tha san RA. 'S e am monarc ceannard na stàite, ach 's e dreuchd shamhlachail a tha seo sa mhòr-chuid. Tha sin a' ciallachadh nach eil cumhachd cheart aig a' mhonarc. Bidh an Riaghaltas a' ruith na rìoghachd às leth a' mhonarc agus tha an dleastanas airson laghan a dhèanamh air a' Phàrlamaid.

Image caption, An Rìgh Teàrlach III, monarc na RA an-dràsta. (PA Images / Alamy Stock Photo)

Image caption, Gach bliadhna, bidh am monarc a' dol a Thaigh nam Morairean a dh'fhosgladh seisean ùr dhen Phàrlamaid. (PA Images / Alamy Stock Photo)
1 of 2
Dè th' ann am bun-reachd?
Bidh bun-reachd a' cur a-mach nan riaghailtean is nan reachdan air am bi rìoghachd air a ruith. Chan eil bun-reachd sgrìobhte aig an RA mar a tha aig na SA. An àite sin, gheibhear e ann an iomadh àite mar laghan, co-dhùnaidhean a nì breitheamhan agus traidisean.
Dè th' ann an deamocrasaidh riochdachail?
'S e deamocrasaidhSeòrsa de riaghaltas far am bi daoine gan riaghladh fhèin no a' taghadh riochdairean a bhios gan riaghladh. a tha san Rìoghachd Aonaichte (RA). Tha cus dhaoine san RA airson am beachd fhaighneachd dhaibh, agus cus cho-dhùnaidhean ri dhèanamh, agus mar sin, tha riochdaireCuideigin a bhios ag obair às leth cuideigin eile, no buidheann dhaoine, me neach-poilitigs a tha air a thaghadh airson luchd-bhòtaidh a riochdachadh. air an taghadh airson co-dhùnaidhean a dhèanamh.
Tha riochdairean a' gabhail a-steach Buill Phàrlamaid (BP), Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) agus comhairlichean ionadail.
'S àbhaist do na riochdairean a bhith nam buill de phartaidh poilitigeach. Am measg nam partaidhean as motha ann an Alba, tha:
- Partaidh Làbarach na h-Alba
- Partaidh Libearalach Dheamocratach na h-Alba
- Partaidh Nàiseanta na h-Alba
- Partaidh Tòraidheach na h-Alba
- Partaidh Uaine na h-Alba