Riochdachadh poilitigeach ann an AlbaCiamar a tha BPA air an taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Sgrùd dreuchd nam BPA agus amas, fuincsean agus buill nan comataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

Ciamar a tha BPA air an taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Ciamar a tha Siostam Ball a Bharrachd ag obrachadh?

Coimhead a' bhidio seo agus faic mar a tha BPA air an taghadh a' cleachdadh siostam taghaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd (Additional Member System no AMS).

What is the Additional Member System?

Bidh BPA air an taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood a h-uile ceithir no còig bliadhna (ged a dh'fhaodas seo atharrachadh a rèir taghaidhean Westminster). Canaidh sinn Dòigh Bhòtaidh Ball a Bharrachd (Additional Members System no AMS) ris an t-siostam taghaidh a th' ann airson BPA a thaghadh.

Airson an taghaidh, tha Alba air a roinn ann an 73 roinnean-pàrlamaid. Bidh gach roinn-phàrlamaid a' taghadh aon BPA, ach tha cuideachd 56 BPA sgìreil no liosta ann. Sin 129 BPA gu lèir.

An ceangal eadar roinn-phàrlamaid roinneil agus ionadail ann an Alba

Bha an taghadh mu dheireadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an 2021. B' e buil an taghaidh sin gum b' e PNA am partaidh a bu mhotha agus chruthaich iad riaghaltas beag-chuid. Tha dùil gum bi an ath thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba air 7 An Cèitean 2026.

Ciamar a tha Alba air a riochdachadh ann a' Westminster?

Cho math ri bhith a' cur 129 BPA a Phàrlamaid na h-Alba, tha Alba cuideachd air a riochdachadh ann am Pàrlamaid na RA ann an Westminster le 57 BP Albannach. Chithear sa chlàr gu h-ìosal na diofar phartaidhean poilitigeach a th' air an riochdachadh.

Partaidh poilitigeachÀireamh de BhP
Làbaraich37
PNA9
Libearalaich Dheamocratach6
Consearbhataich5
Partaidh poilitigeachLàbaraich
Àireamh de BhP37
Partaidh poilitigeachPNA
Àireamh de BhP9
Partaidh poilitigeachLibearalaich Dheamocratach
Àireamh de BhP6
Partaidh poilitigeachConsearbhataich
Àireamh de BhP5