Riochdachadh poilitigeach ann an AlbaA' riochdachadh bhoireannaich is bheag-chuidean am Pàrlamaid na h-Alba

Sgrùd dreuchd nam BPA agus amas, fuincsean agus buill nan comataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

A' riochdachadh bhoireannaich is bheag-chuidean am Pàrlamaid na h-Alba

Thug a' mhòr-chuid de na prìomh phartaidhean ann an Alba gealladh gun toireadh iad piseach air riochdachadh bhoireannaich is dhaoine bho mhion-chinnidhean.

Lorna Slater agus Patrick Harvie, co-cheannardan Partaidh Uaine na h-Alba
Figure caption,
Lorna Slater agus Patrick Harvie, co-cheannardan Partaidh Uaine na h-Alba

Suas gu 2023 nuair a leig Nicola Sturgeon dhith a dreuchd, bha ceannard PNA agus co-cheannard Uainich na h-Alba le chèile nam boireannaich.

Aig taghadh 2016, dh'aontaich na partaidhean gu lèir gun robh feum barrachd a dhèanamh airson a bhith cinnteach gun robh Pàrlamaid na h-Alba na sgàthan air sluagh na h-Alba.

Stèidhichte air taghadh 2021, à 129 BPA tha:

  • 58 nam boireannaich – 45%, a' chiad turas ann an Alba
  • 6 bho chinnidhean Ceann a Deas Àisia – 4.5% dhen Phàrlamaid
  • Aon a' cleachdadh cathair-cuibhle fad na h-ùine

A bharrachd air a sin, ghabh BPA a' bhòid ann an iomadh cànan mar Punjabi, Shona Zimbabwe, Gàidhlig, Cuimris, Urdu, Gearmailtis agus Cànan Samhlan Bhreatainn.

Coimeas ri sluagh na h-Alba

Tha Pàrlamaid na h-Alba air adhartas mòr a dhèanamh a thaobh riochdachadh bhoireannaich, ach tha i fhathast a' tighinn geàrr air a' 50% a dh'iarramaid. Tha geàrr-liostaichean le boireannaich a-mhàin aig cuid dhe na prìomh phartaidhean airson a bhith a' taghadh thagraichean.

Fhuair Alba moladh bho charthannasan agus bho bhuidhnean LGBT+ airson poileasaidhean adhartach a thoirt a-steach mar aithne do phòsadh gèidh agus geallaidhean a thaobh aithne do ghnè neo-bhìnearaidh dhan choimhearsnachd tar-ghnèitheach.

Ann an Suirbhidh nan Dachaighean Albannach 2019, thug 3% cunntas orra fhèin mar "Àisianach, Àisianach Albannach no Àisianach Breatannach". Faodar a ràdh gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a' riochdachadh a' bhuidhinn seo gu math le 4.5% de na BPA bho chinnidhean Ceann a Deas Àisia.

Anns an aon suirbhidh, thug 1% cunntas orra fhèin mar "Afraganach". Chan eil BPA sam bith ann bho chinnidhean Afraganach agus, mar sin, faodar a ràdh nach eil am buidheann seo air a riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha cuid de bhuidhnean fhathast nach eil air an làn-riochdachadh. Ged a chaidh togalach Pàrlamaid na h-Alba a dhealbh le so-ruigsinneachd anns an amharc, tha riochdachadh dhaoine le ciorraman (faicsinneach agus neo-fhaicsinneach) fhathast gu math ìosal.

Ged a tha dùil gu bheil ciorram air aon chòigeamh dhen mhòr-shluagh, b' ann dìreach ann an 2021 a chaidh chiad neach-cleachdaidh cathair-cuibhle a thaghadh airson na Pàrlamaid.