Dè am pàirt a tha aig na meadhanan ann am poilitigs na h-Alba?
Ann an Alba, tha eachdraidh fhada, neo-eisimeileach aig na meadhanan. Tha pàipearan-naidheachd agus sianailean telebhisean is rèidio ann a tha eadar-dhealaichte bhon a' chòrr dhen RA.
'S e obair nam meadhanan fiosrachadh a thoirt do shluagh na h-Alba air cùisean cudromach a tha a' toirt buaidh air muinntir Alba co-dhiù tha iad sin cùisean ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta.
Dè an t-àite a tha aig meadhanan clò-bhuailte ann am poilitigs na h-Alba?
Tha mòran dhaoine ann an Alba a' faighinn nam beachdan poilitigeach aca bho phàipearan-naidheachd, ach o chionn beagan bhliadhnaichean, tha an t-eadar-lìon air fàs cumanta mar stòr. Ach tha fhathast na mìltean de phàipearan-naidheachd gan reic gach latha, agus tha mòran dhaoine a' leughadh artaigilean à pàipearan-naidheachd air-loidhne.
Ann an Alba 's e an Scottish Sun agus an Daily Record na pàipearan 'mòr-chòrdte' as motha a tha daoine a' leughadh. 'S e an Herald agus an Scotsman na 'sàr' phàipearan as motha a bhios daoine a' leughadh.
A rèir laghannan na dùthcha, chan fheum pàipearan-naidheachd a bhith cothromach. Fhad 's a tha am fiosrachadh ceart, faodaidh pàipearan-naidheachd rud sam bith a thogras iad a phriontadh.
Tha seo a' ciallachadh gum faod diofar phàipearan-naidheachd na naidheachdan aithris ann an diofar dhòighean. Faodaidh diofar phàipearan-naidheachd an aon stòiridh innse ann an diofar dhòighean, a' cleachdadh diofar chinn-naidheachd agus a' gabhail bheachdan eadar-dhealaichte.

Ann an taghadh nan stòiridhean aca, dealbhan agus cinn-naidheachd, faodaidh pàipearan-naidheachd a bhith gu math aon-taobhach ann am foillseachadh naidheachdan.
Aig àm taghaidh, tha pàipearan-naidheachd glè thric glè shoilleir cò am partaidh poilitigeach dham bheil iad a' toirt taic, agus 's dòcha gum brosnaich iad na leughadairean aca gu bhòtadh do phartaidh poilitigeach sònraichte.
Ach chan eil sin a' ciallachadh gu bheil a h-uile neach-bhòtaidh a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir 's dè leughas iad ann am pàipear-naidheachd. Bidh adhbharan eile aig iomadh duine a bhios a' ceannach pàipear-naidheachd, mar spòrs, no chan eil na leughas iad a' toirt buaidh orra.
Dè an t-àite a tha aig meadhanan air an craoladh ann am poilitigs na h-Alba?
Tha meadhanan air an craoladh a' ciallachadh telebhisean agus rèidio.
Tha aithrisean nan naidheachdan poilitigeach eadar-dhealaichte air an telebhisean (agus air an rèidio) seach mar a tha iad ann am pàipearan-naidheachd oir tha an lagh ag iarraidh gum bi naidheachdan air an telebhisean cothromach. Tha an lagh ag ràdh gum feum iad a bhith ceart agus cothromach.
Tha dùil gum bi aithrisean air an telebhisean agus rèidio fìor agus cothromach san sgrùdadh aca. Tha dùil gum bi cead aig diofar riochdairean bho dhiofar phartaidhean poilitigeach am beachdan a thoirt air cùisean cudromach.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chaidh grunn dheasbadan a chraoladh agus ghabh ceannardan nan diofar phartaidhean pàirt annta. Bha na milleanan den luchd-bhòtaidh a' coimhead nan deasbadan sin.
Ach a rèir sgrùdadh an dèidh nan deasbadan, bha a h-uile coltas gur e luchd-bhòtaidh eòlach a bu mhotha a bha a' coimhead nan deasbadan agus nach tug na chuala iad buaidh orra. Bha sin a' ciallachadh, ged a dh'fhaodadh coltas a bhith ann gun do 'bhuannaich' aon cheannard an deasbad, nach robh mòran buaidh aig na deasbadan air toradh an taghaidh.
Dè an t-àite a tha aig an eadar-lìon agus meadhanan sòisealta ann am poilitigs na h-Alba?
Barrachd is barrachd, tha daoine ann an Alba a' dol chun an eadar-lìn airson fiosrachadh, gu h-àraidh gu meadhanan sòisealta.
Eu-coltach ri sianalan telebhisean agus rèidio, tha an t-eadar-lìon a' leigeil le cha mhòr duine sam bith rud sam bith a thogras iad a phostadh. Tha seo a' ciallachadh gur dòcha nach bi pàirt dhen fhiosrachadh ceart.
Ach, tha an t-eadar-lìon a' ceadachadh comas neo-chrìochnach do dhaoine air faighinn gu fiosrachadh. Tha seo a' ciallachadh gun urrainn barrachd fiosrachaidh a bhith aig daoine mu chùisean sòisealta agus poilitigeach.
Do phartaidhean poilitigeach ann an Alba, tha a bhith air-loidhne a' toirt cothrom dhaibh ceangal dìreach a dhèanamh ri luchd-bhòtaidh.