Ciamar a tha luchd-bhòtaidh gan riochdachadh am Pàrlamaid na h-Alba?
Tha dà sheòrsa BPA ann:
BPA roinn-phàrlamaid - Tha Alba air a roinn ann an 73 sgìrean ris an canar roinnean-pàrlamaid. Tha gach roinn-phàrlamaid air a riochdachadh le aon BPA.
BPA sgìreil - Tha Alba air a roinn ann an 8 sgìrean. Tha gach sgìre air a riochdachadh le seachd BPA.
Ciamar a tha BPA air an taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?
Coimhead a' bhidio seo agus chì thu mar a tha BPA air an taghadh a' cleachdadh siostam taghaidh ris an canar Siostam Ball a Bharrachd no AMS.
'S e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th' ann an AMS. Tha an siostam seo ag amas air co-roinn no co-chuid de na riochdairean (BPA ann an Alba) a thoirt do na partaidhean poilitigeach a rèir 's na gheibh iad de bhòtaichean.
Bidh luchd-bhòtaidh a' faighinn pàipear-bhòtaidh agus feumaidh iad dà ('X') bhòt a chlàradh:
tha a' chiad bhòt airson BPA sgìre no roinn-phàrlamaid