Ciamar a tha BPA roinn-phàrlamaid gan taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?
Anns an t-Siostam Ball a Bharrachd, tha a' chiad pàipear-bhòtaidh air a chleachdadh airson BPA nan roinnean-pàrlamaid a thaghadh.
tha gach tagraiche air ainmeachadh air a' phàipear-bhòtaidh
faodaidh gach partaidh poilitigeach tagraiche a chur air adhart
faodaidh tagraichean neo-eisimeileach iad fhèin a chur air adhart
bidh luchd-bhòtaidh a' cur aon X mu choinneamh ainm an tagraiche a tha iad a' taghadh
thèid an tagraiche a gheibh an àireamh bhòtaichean as motha a thaghadh
Tha a' phàirt seo dhen t-Siostam Ball a Bharrachd ag obrachadh anns an aon dòigh ris an t-Siostam Àireamhan as Motha airson BP a thaghadh airson Pàrlamaid na RA ann a' Westminster.