Siostaman bhòtaidh ann an AlbaBuannachdan agus eas-bhuannachdan Siostam Ball a Bharrachd

Ionnsaich mu shiostaman bhòtaidh ann an Alba – Siostam Ball a Bharrachd (AMS) agus a' Bhòt Shingilte Ghluasadach (STV).

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

Buannachdan agus eas-bhuannachdan Siostam Ball a Bharrachd

Dè na buannachdan a tha an lùib Siostam Ball a Bharrachd?

  • Barrachd roghainn: Tha barrachd roghainn aig luchd-bhòtaidh nuair a thèid iad a bhòtadh. Anns a' chiad bhòt 's dòcha gun tagh iad riochdaire ionadail bho aon phartaidh, ach san dara bhòt (an liosta) 's dòcha gum bhòt iad do phartaidh eadar-dhealaichte.
  • Nas cothromaiche do gach partaidh: Tha an toradh san fharsaingeachd ann an co-chuid nas cothromaiche dha na partaidhean gu lèir. Mar eisimpleir, ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2016 b' e 5% an diofar bu mhotha a bha eadar na bhòtaichean a fhuaradh agus an àireamh BPA a chaidh a thilleadh.
  • Barrachd bheachdan air an riochdachadh: Dh'fhaodadh gum biodh barrachd phartaidhean air an riochdachadh san riaghaltas oir tha e nas buailtiche gum bi co-bhanntachd ann.
  • A h-uile bhòt a' cunntadh: Ged a dh'fhaodadh nach bi mòran teansa aig an tagraiche a thagh an neach-bhòtaidh airson na roinn-phàrlamaid, cuidichidh an dara bhòt gu bhith a' taghadh riochdaire às a' phartaidh as fheàrr leotha.
  • Barrachd roghainn de riochdairean: Chan eil an luchd-bhòtaidh an urra dìreach ri aon BPA. Faodaidh iad cuideachadh iarraidh air BPA a tha iad a' smaoineachadh a nì riochdachadh nas fheàrr air am beachdan no am feumalachdan.

Dè na h-eas-bhuannachdan a tha an lùib Siostam Ball a Bharrachd?

  • Nas toinnte: Chan eil na taghaidhean cho sìmplidh le dà bhòt agus tagraichean rin taghadh bhon liosta sgìreil.
  • Barrachd air aon riochdaire: Tha e doirbh do chuid de luchd-bhòtaidh tuigsinn carson a tha grunn BPA a' riochdachadh gach neach-bhòtaidh.
  • Co-bhanntachd nas buailtiche: Tha e nas buailtiche gum bi riaghaltas co-bhanntachd no riaghaltas beag-chuid ann. Faodaidh seo maill a chur air dèanamh cho-dhùnaidhean. Faodaidh e cuideachd barrachd cumhachd a thoirt do phartaidhean nas lugha ma tha am partaidh as motha anns an riaghaltas an urra ri taic bhuapa.
  • Chan e an siostam as fheàrr a thaobh co-chuideim: Ged as e siostam co-chuideil (PR) a th' ann an AMS, chan e an siostam as fheàrr a thaobh co-chuid. Mar eisimpleir, fhuair PNA mu 44% dhen bhòt ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2016 ach fhuair iad 49% de BPA (63 à 129). Fhuair na Libearailich Dheamocratach mu 7% dhen bhòt ach dìreach 5 BPA (4%).
  • Smachd aig partaidhean air liostaichean sgìreil: An dara bhòt air a cleachdadh airson riochdairean a thaghadh far liosta gus am bi an toradh deireannach co-chuideil. Chan eil seo cho deamocrataigeach chionn 's e partaidhean poilitigeach seach luchd-bhòtaidh a bhios a' taghadh òrdugh nan tagraichean air an liosta.