Siostaman bhòtaidh ann an AlbaCiamar a tha BPA sgìreil gan taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Ionnsaich mu shiostaman bhòtaidh ann an Alba – Siostam Ball a Bharrachd (AMS) agus a' Bhòt Shingilte Ghluasadach (STV).

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

Ciamar a tha BPA sgìreil gan taghadh a Phàrlamaid na h-Alba?

Anns an t-Siostam Ball a Bharrachd, bidh an dara pàipear-bhòtaidh air a chleachdadh airson BPA sgìreil a thaghadh. Tha seo a' toirt cothrom (dara bhòt) do luchd-bhòtaidh bhòtadh airson partaidh poilitigeach.

'S e an dara bhòt seo a tha a' ciallachadh gur e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th' anns an t-Siostam Ball a Bharrachd. Tha e air a chleachdadh gus gum bi co-roinn nam BPA bho gach partaidh poilitigeach coltach ris an àireimh bhòtaichean a fhuair iad.

Ciamar a tha an dara bhòt dhen t-Siostam Ball a Bharrachd ag obrachadh?

  • ron taghadh, bidh gach partaidh poilitigeach a' foillseachadh liosta thagraichean airson gach sgìre
  • tha liosta de phartaidhean poilitigeach air an dara pàipear-bhòtaidh
  • bidh luchd-bhòtaidh a' cur X ri taobh a' phartaidh a tha iad ag iarraidh
  • tha na bhòtaichean air an cunntadh airson co-roinn nam bhòtaichean a fhuair gach partaidh fhaicinn

Tha an àireamh de BPA roinn-phàrlamaid a chaidh a thaghadh airson gach partaidh air a chunntadh agus air a choimeas ri co-roinn nam bhòtaichean a fhuair gach partaidh anns gach sgìre.

Tha BPA a bharrachd air an taghadh bho liosta sgìreil gach partaidh poilitigeach. Tha an àireamh de BPA a bharrachd air a chleachdadh gus co-roinn na bhòtaichean a fhuair gach partaidh anns an dara baileat a shealltainn.

Tha seo ag amas air an toradh san fharsaingeachd a dhèanamh nas cothromaiche dha gach partaidh.

Mar eisimpleir, ann an 2021 cha d' fhuair am Partaidh Uaine bhòtaichean gu leòr airson BPA a thilleadh. Ach fhuair iad ochd BPA a bharrachd (no liosta) thar seachd de sgìrean Alba air sgàth co-roinn nam bhòtaichean a fhuair iad anns na sgìrean sin. Tha seo a' toirt riochdachadh nas cothromaiche do luchd-bhòtaidh a' Phartaidh Uaine a rèir na taic phoilitigich a th' aca thar nan sgìrean ann an Alba.

Tha 56 BPA sgìreil a bharrachd ann (7 gach sgìre). Nuair a chuireas tu sin ri 73 BPA nan roinnean-pàrlamaid, tha 129 BPA ann gu lèir.

Àireamh de BPA a rèir partaidh ann na Taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2021

Clàr a' seallltainn pàrtaidhean ann an Taghadh Pàrlamaid na h-Alba
Figure caption,
Toraidhean Taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2021