Dè th' anns A' Bhòt Shingilte Ghluasadach ann an Alba (STV)?
Coimhead a' bhidio seo agus faic mar a tha A' Bhòt Shingilte Ghluasadach no STV ag obrachadh.
Single Transferable Vote
Bidh taghaidhean gu comhairlean riaghaltas ionadail na h-Alba a' cleachdadh siostam taghaidh ris an canar A' Bhòt Shingilte Ghluasadach (Single Transferable Vote no STV). Chaidh STV a chleachdadh an toiseach ann an Alba ann an 2007.
Ciamar a tha A' Bhòt Shingilte Ghluasadach ag obrachadh?
Bidh sgìrean comhairle air an roinn nan uàrdan airson an taghaidh. Bidh gach uàrd a' taghadh ceithir no còig de chomhairlichean.
Le siostam taghaidh STV, tha barrachd air aon bhòt aig gach neach-bhòtaidh. An àite a bhith a' cur aon 'X' ri taobh an tagraiche as fheàrr leotha, tha aig an neach-bhòtaidh ri tagraichean a chur san òrdugh as fheàrr leotha iad, me 1, 2, 3 agus msaa. Faodaidh luchd-bhòtaidh bhòtadh airson na thogras iad de thagraichean, no faodaidh iad dìreach bhòtadh airson aon (rang 1).
Airson a bhith air an taghadh mar chomhairlichean, feumaidh gach tagraiche ceudad as lugha fhaighinn dhe na bhòtaichean. Mura tachair sin stèidhichte air ciad roghainnean an luchd-taghaidh, bidh an tagraiche leis an àireamh as lugha de bhòtaichean a' tarraing às. Thèid na bhòtaichean acasan a roinn a rèir an dara roghainn aig an luchd-bhòtaidh a bhòt air an son.
Ma gheibh tagraiche an ceudad riatanach dhen bhòt, thèid an taghadh. Thèid bhòtaichean sam bith a bharrachd a th' aca a roinn eadar na tagraichean eile a rèir dara taghaidhean an luchd-bhòtaidh.
Bidh am pròiseas seo a' tachairt a-rithist agus a-rithist gus an tèid na comhairlichean gu lèir a thaghadh.
Dè na buannachdan a tha an lùib na Bhòt Shingilte Ghluasadach?
- Barrachd roghainn bhòtaidh: Faodaidh luchd-bhòtaidh na tagraichean a chur dhan òrdugh as fheàrr leotha. Mar sin tha barrachd roghainn aca. Faodaidh iad taghadh taobh a-staigh phartaidhean agus eadar na partaidhean.
- Barrachd riochdachaidh: Seach gu bheil grunn chomhairlichean a' riochdachadh gach neach-bhòtaidh sa uàrd, tha barrachd roghainn aca a thaobh cò ris am bruidhinn iad mu na duilgheadasan aca.
- Co-chuideachd: Tha an siostam nas co-chuideile na AMS agus Àireamh Bhòtaichean as motha.
- Chan eil bhòtadh innleachdach ann: Chan eil bhòtaichean 'gun fheum' ann oir tha gach bhòt a' cunntadh airson riochdaire a thaghadh. Chan eil feum air bhòtadh innleachdach chionn chan eil seataichean 'sàbhailte' ann.
- Feumaidh partaidhean obrachadh còmhla: Tha e nas buailtiche nach bi smachd aig aon phartaidh air comhairle an dèidh an taghaidh. Tha e nas buailtiche gum bi co-bhanntachd (cumhachd le beag-chuid) sa chomhairle le STV.
Dè na h-eas-bhuannachdan a tha an lùib na Bhòt Shingilte Ghluasadach?
- Toinnteachd: Tha taghaidhean nas toinnte. Faodaidh gun tèid grunn riochdairean a thaghadh san aon uàrd.
- Co-bhanntachd nas dòcha a bhith ann: Seach gum bi a' mhòr-chuid de phartaidhean air an riochdachadh le STV, glè thric bidh comhairlean air an ruith le diofar phartaidhean ag obrachadh còmhla ann an co-bhanntachd, agus 's dòcha nach bi e cho furasta co-dhùnaidhean a dhèanamh.