Buidhnean strì ann an Alba
Ann an taghaidhean, bidh daoine a' taghadh cò na riochdairean a tha iad ag iarraidh airson a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean às an leth. 'S dòcha gum bi ceithir no còig a bhliadhnaichean eadar taghaidhean. Mar sin feumaidh dòighean eile a bhith aig daoine gus buaidh a thoirt air na riochdairean aca.
'S e buidhnean strì aon dòigh air sin a dhèanamh.
Dè th' ann am buidhnean strì?
'S e buidhnean de dhaoine leis na h-aon bheachdan a th' ann am buidhnean strì. Chan eil buidhnean strì ag iarraidh cumhachd dhaibh fhèin. 'S ann a tha iad ag iarraidh buaidh a thoirt air an fheadhainn aig a bheil a' chumhachd. Bidh iad cuideachd a' brosnachadh dhaoine gu bhith a' gabhail pàirt chiallach sa phròiseas dheamocratach.
Tha iomadh buidheann strì ann an Alba a tha ag amas air buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean poilitigeach. Seach gu bheil grunn chumhachdan tiomnaichte aig Pàrlamaid na h-Alba, glè thric bidh roinn chomharraichte Albannach aig buidhnean strì stèidhichte san RA.
Mar eisimpleir, feumaidh fòcas gu math làidir a bhith aig buidhnean a tha a' còmhdach foghlam no slàinte ann am Pàrlamaid na h-Alba, oir tha na poileasaidhean sin ann an Alba eadar-dhealaichte bhon chòrr dhen RA.
Ciamar a bhios buidhnean strì a' feuchainn ri buaidh a thoirt air luchd-dèanaimh nan co-dhùnaidhean ann an Alba?
Bidh buidhnean strì a' cleachdadh grunn dhòighean laghail gus am beachdan a chur an cèill:
- a' cur bhileagan tro dhorsan no a' dol bho dhoras gu doras a' sireadh taic
- a' gabhail pàirt ann am fianais-dhùbhlain, caismeachdan no ralaidhean
- a' cur athchuingean air dòigh
- a' coiteachadh (a' bruidhinn gu dìreach ri) luchd-poilitigs (BPA no comhairlichean) no buidhnean meadhanan
- a' sgrìobhadh litrichean gu luchd-poilitigs no gu pàipearan-naidheachd
- a' dèanamh agallamhan a nochdas sna meadhanan (rèidio, tbh is pàipearan-naidheachd)
- a' gabhail pàirt ann an iomairtean follaiseachd airson aire nam meadhanan fhaighinn
- a' cur iomairtean air dòigh airson barrachd aire a tharraing gu cùisean no airson atharrachadh a dhèanamh
Buidhnean strì air an taobh a-staigh ann an Alba
'S e buidhnean strì air an taobh a-staigh an fheadhainn, glè thric, aig a bheil taic agus aire an riaghaltais. Glè thric, thèid luchd-poilitigs no oifigearan thuca airson comhairle agus bidh còmhraidhean cunbhalach aca mu laghannan.
Mar eisimpleir, 's e buidheann strì do thidsearan a th' ann an aonadh an EIS. 'S ann ainneamh a thogas buidheann air an taobh a-staigh fianais-dhùbhlain no a chuireas iad caismeachd air dòigh. An àite sin 's dòcha gum bi iad a' cumail choinneamhan còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, glè thric air cùl chùisean agus air falbh bho na camarathan, airson buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean.
Buidhnean strì air an taobh a-muigh ann an Alba

'S e buidhnean strì air an taobh a-muigh an fheadhainn aig nach eil buaidh dhìreach air an riaghaltas. 'S dòcha nach bi an riaghaltas a' toirt taic dha na h-amasan aca. Tha seo a' ciallachadh gum feum iad na meadhanan agus iomairtean follaiseach a chleachdadh airson an aire a ghlacadh.
Mar eisimpleir, o chionn beagan bhliadhnaichean tha grunn bhuidhnean strì mar Greenpeace agus Friends of the Earth air dùbhlain a chur air dòigh ann an Alba an aghaidh fragadh mar dhòigh air gas fhaighinn às an talamh.