Riochdachadh poilitigeach ann an AlbaDè th' ann an Comataidhean Phàrlamaid na h-Alba?

Sgrùd dreuchd nam BPA agus amas, fuincsean agus buill nan comataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

Dè th' ann an Comataidhean Phàrlamaid na h-Alba?

Bidh a' mhòr-chuid de BPA air co-dhiù aon chomataidh (buidhnean nas lugha de BPA) de Phàrlamaid na h-Alba.

Bidh na BPA air na comataidhean seo a' deasbad gu mionaideach air reachdas agus ag obrachadh còmhla gu dlùth.

Tha cumhachd aig na comataidhean iarraidh air neach sam bith fianais a thoirt dhaibh. Sgrìobhaidh iad cuideachd aithisgean mun obair aca.

Eu-coltach ri Westminster, faodaidh comataidhean Pàrlamaid na h-Alba reachdas a mholadh cho math ri sgrùdadh.

Tha cuid de chomataidhean maireannach, me Comataidh na Slàinte, agus bidh iad a' coinneachadh gach seachdain airson obair Riaghaltas na h-Alba a sgrùdadh.

Tha comataidhean eile ann nach eil ach sealach agus tha iad sin air an stèidheachadh airson cùisean a sgrùdadh agus airson molaidhean a dhèanamh. Mar eisimpleir, chaidh comataidh a stèidheachadh airson sgrùdadh a dhèanamh air freagairt Riaghaltas na h-Alba do mhòr-ghalar Covid-19 agus airson molaidhean a dhèanamh. B' e seo 'Comataidh Ath-shlànachadh Covid-19'.

Seòrsaichean chomataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba

Tha dà sheòrsa comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba:

  • comataidhean do-sheachanta committees – feumaidh iad a bhith ann
  • comataidhean cuspair - tha iad air an stèidheachadh leis an riaghaltas

Tha Comataidh Co-ionannachd Chothroman agus Comataidh an Ionmhais nan eisimpleirean air comataidhean do-sheachanta.

Tha Comataidh an Fhoghlaim is Sgilean agus Comataidh Slàinte is Spòrs nan eisimpleirean air comataidhean cuspair.

Mar a bhios comataidhean ag obair

Tha eadar trì agus aon-deug ball air gach comataidh agus tha iad stèidhichte air co-chuid nan seataichean a tha aig gach partaidh. Tha BPA nas buailtiche beachdachadh air cùisean a rèir 's dè cho math 's a tha iad seach a dhol nan aghaidh air sgàth partaidh poilitigeach.

Tha a' chòir aig BPA sam bith coinneamh comataidh a fhrithealadh agus ceistean a chur.

Nuair a bhios iad nam buill de chomataidh, bidh BPA a' riochdachadh nan daoine san sgìre aca le bhith:

  • a' cur cheistean, me air Ministearan no air eòlaichean airson fiosrachadh
  • a' cleachdadh comataidh gus lagh a th' ann mar-thà atharrachadh
  • a' bhòtadh air am bu chòir, no nach bu chòir, lagh ùr a phasaigeadh

Cuin agus càit am bi comataidhean a' coinneachadh?

Bidh comataidhean a' coinneachadh uair san t-seachdain no sa chola-deug, mar as trice air Dimàirt, Diciadain no madainn Diardaoin, ann am fear de rumannan comataidh Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a' mhòr-chuid dhiubh fosgailte dhan phoball. As t-samhradh, bidh mòran dhiubh a' coinneachadh ann an diofar àiteachan air feadh Alba.