Riochdachadh poilitigeach ann an AlbaMar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh

Sgrùd dreuchd nam BPA agus amas, fuincsean agus buill nan comataidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh

Coimhead a' bhidio seo agus faic dè bhios a' tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dè an obair a bhios BPA a' dèanamh.

What happens at the Scottish Parliament?

Tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh san aon dòigh ris a' mhòr-chuid de phàrlamaidean air feadh an t-saoghail. Faodaidh BPA deasbadan a chumail agus laghan ùra a dhèanamh sna raointean sa bheil dleastanas aig a' Phàrlamaid.

Chan eil dà sheòmar ann am Pàrlamaid na h-Alba mar a tha Taigh nam Morairean ann am Pàrlamaid na RA. An àite sin, tha siostam cumhachdach de chomataidhean aca a dh'fhaodas bileachan a mholadh, a bharrachd air a bhith gan . Bidh àireamh bheag de BPA ag obrachadh còmhla agus a' bruidhinn gu mionaideach air (laghan) anns na comataidhean.

Mar eisimpleir:

  • bidh Comataidh Com-pàirteachadh Shaoranach agus Athchuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh air cùisean a bheir daoine fa leth bhon phoball gu aire Pàrlamaid na h-Alba mar , fhad 's a tha iad a rèir iomchaidh
  • bidh a' Chomataidh Sgrùdaidh Phoblach a' coimhead air aithisgean air am foillseachadh le Àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba airson dèanamh cinnteach gu bheil airgead poblach air a chosg gu h-èifeachdach le Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach eile, mar Seirbheis na Slàinte ann an Alba

Carson a bhios coinneamhan de Phàrlamaid na h-Alba ann?

Seòmar deasbaid Phàrlamaid na h-Alba
Figure caption,
Seòmar deasbaid Phàrlamaid na h-Alba

Tha an Seòmar Deasbaid aig cridhe obair Pàrlamaid na h-Alba. 'S ann an seo a bhios BPA:

  • a' deasbad chùisean
  • a' bhòtadh air laghan
  • a' cur cheistean air buill de Riaghaltas na h-Alba

Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh a' cumail sùil air na modhan-obrach ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh a' co-dhùnadh cò bhruidhneas ann an deasbad. Bidh iad cuideachd a' dèanamh cinnteach gu bheil:

  • riaghailtean na pàrlamaid gan leantainn
  • BPA gan giùlan fhèin ann an dòigh iomchaidh
  • gnothaichean na pàrlamaid air an coileanadh gu h-èifeachdach agus gu cothromach

Bidh gach deasbad agus gnothach gan sealltainn beò agus air-loidhne.

Cuin a bhios Pàrlamaid na h-Alba a' coinneachadh?

Bidh BPA a' coinneachadh san t-Seòmar air feasgar Dimàirt agus Diciadain agus bho 11.30m Diardaoin. Cha bhi a' Phàrlamaid a' suidhe ach 35 seachdainean sa bhliadhna. An sin, bidh BPA a' riochdachadh nan daoine san sgìre aca le bhith:

  • a' bruidhinn ann an deasbad no a' bhòtadh airson, no an aghaidh, moladh
  • a' cur air adhart atharrachadh air moladh no a' toirt a-steach lagh ùr (bile)

Air Diardaoin, aig meadhan-latha, faodaidh na BPA ceistean a chur air a' Phrìomh Mhinistear aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir (First Minister's Questions no FMQs).