Ciamar a bhios BPA a' riochdachadh roinn-phàrlamaid no sgìre?
Dihaoine, bidh na BPA mar as trice ag obair anns na sgìrean no na roinnean-pàrlamaid aca, glè thric a' coinneachadh ris na daoine a tha iad a' riochdachadh.
Tha oifis aig a' mhòr-chuid de BPA san sgìre no san roinn-phàrlamaid aca.
Bidh BPA ag obair san roinn-phàrlamaid aca ann an diofar dhòighean:
- Bidh BPA a' freagairt litrichean is puist-dealain bho dhaoine fa leth agus bho bhuidhnean a tha ag iarraidh taic bhuapa
- Bidh BPA a' dol gu coinneamhan is tachartasan eile far am bi iad a' coinneachadh ri buidhnean on roinn-phàrlamaid agus a' bruidhinn mun deidhinn
- Bidh BPA a' cumail suirdsearaidh dham faod daoine san roinn-phàrlamaid tighinn le duilgheadasan agus ceistean agus feuchaidh na BPA rin cuideachadh
Tha na gnìomhan seo uile a' toirt cothrom dhaibh greimeachadh air na duilgheadasan a tha aig daoine san roinn-phàrlamaid agus feuchaidh iad rin riochdachadh gu cothromach.
Thèid aig BPA air duilgheadas neach bhon roinn-phàrlamaid a thogail ann an iomadh dòigh:
- le bhith a' cur fios gu ministear anns an riaghaltas
- le bhith a' tòiseachadh deasbad no a' faighneachd ceist sa Phàrlamaid
- le bhith a' toirt a-steach Bile Buill no a' moladh atharrachadh ri bile
Dè an obair a bhios BPA a' dèanamh anns an roinn-phàrlamaid no anns an sgìre aca?
Bilean Buill
Tha iomadh dòigh ann air laghan agus co-dhùnaidhean a dhèanamh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Còmhla ri bilean a bheir an riaghaltas agus na comataidhean a-steach, faodaidh BPA fa leth bilean a mholadh airson an deasbad sa Phàrlamaid. Faodaidh gach BPA dà bhile a thoirt a-steach rè aon Phàrlamaid. Airson gun tèid am bile a dheasbad, feumaidh e an toiseach taic fhaighinn bho na partaidhean poilitigeach gu lèir.
Tha am Bile Clann (Dìon Cho-ionann bho Ionnsaigh) (Alba) na eisimpleir air Bile Buill a bha soirbheachail. Thugadh am Bile a-steach leis BhPA bhon Phartaidh Uaine, John Finnie, gus cuideachadh le "stad a chur air peanasachadh fiosaigeach chloinne". Chaidh gabhail ris a' Bhile agus chaidh e na Achd air 7 Samhain 2019.