Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh
Coimhead a' bhidio seo agus faic dè bhios a' tachairt ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dè an obair a bhios BPA a' dèanamh.
The work of the Scottish Parliament and MSPs

Chruthaich Achd na h-Alba (1998)An Achd Pàrlamaid a thug cunntas air stèidheachadh Pàrlamaid agus Riaghaltas na h-Alba agus atharraichean eile a thaobh mar a tha Alba air a riaghladh. Pàrlamaid na h-Alba. Dìreach mar a tha a' tachairt ann am Pàrlamaid na RA, feumaidh a h-uile bileMoladh airson lagh ùr no airson lagh a th' ann atharrachadh. a phasaigeas Pàrlamaid na h-Alba Aonta RìoghailAonta foirmeil on mhonarc gum faod bile a dhol na Achd Pàrlamaid no na Achd de Phàrlamaid na h-Alba, agus ga dhèanamh na lagh. (Royal Assent) fhaighinn mus bi iad nan lagh.
Tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh san aon dòigh ris a' mhòr-chuid de phàrlamaidean air feadh an t-saoghail. Faodaidh BPA deasbadan a chumail agus laghan ùra a dhèanamh sna raointean sa bheil dleastanas aig a' Phàrlamaid. Tha dleastanas cudromach air a' Phàrlamaid, agus air na BPA, airson buidseatPlana airson teachd-a-steach agus cosgais ris a bheil dùil thar ùine shònraichte. na pàrlamaid a chosg.
Dè th' ann an siostam chomataidhean Pàrlamaid na h-Alba?
Chan eil dà sheòmar ann am Pàrlamaid na h-Alba mar a tha Taigh nam Morairean ann am Pàrlamaid na RA. An àite sin tha siostam cumhachdach de chomataidhean aca a dh'fhaodas bileachan a mholadh, a bharrachd air a bhith gan sgrùdadh. Bidh àireamh bheag (eadar còig agus còig-deug) de BPA ag obrachadh còmhla agus a' bruidhinn gu mionaideach air reachdasLagh sònraichte, no grunn laghan co-cheangailte. (laghan) anns na comataidhean.
Bidh Comataidh nan Athchuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh air cùisean a bheir daoine fa leth bhon phoball gu aire Pàrlamaid na h-Alba mar athchuingeIarrtas foirmeil sgrìobhte gu ùghdarras airson gun tèid rudeigin a dhèanamh mu ghnothach sònraichte., fhad 's a tha iad a rèir slat-tomhaisRiaghailt no cùmhnant a dh'fheumar a leantainn. iomchaidh.