A' gabhail pàirt ann am poilitigs ann an AlbaCò tha a' gabhail pàirt ann am poilitigs na h-Alba?

Tha iomadh dòigh ann air an urrainn daoine fa leth pàirt a ghabhail ann am poilitigs ann an Alba eadar comhairlean ionadail, a bhith nam buill de phartaidhean poilitigeach no a' seasamh ann an taghadh pàrlamaid.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh ann an Alba

Cò tha a' gabhail pàirt ann am poilitigs na h-Alba?

Dè a' bhuaidh a bha aig referenda air a bhith a' gabhail pàirt ann am poilitigs?

Postairean iomairt aig ionad-bhòtaidh ann an Sruighlea
Figure caption,
Postairean iomairt aig ionad-bhòtaidh ann an Sruighlea

Bhòt barrachd anns an dà referendum o chionn ghoirid – air neo-eisimeileachd na h-Alba agus an uair sin air – agus thathar dhen bheachd gun do thog iad ùidh ann am poilitigs agus gun do ghabh barrachd pàirt.

Anns an Referendum air Neo-eisimeileachd ann an 2014, bhòt 84.6% – an àireamh bu mhotha riamh a chaidh a chlàradh san RA. Dh'fhaodadh gun robh seo air sgàth 's gum bi aon chuspair soilleir ann an referendum le gealladh air buil cinnteach, soilleir agus leis a h-uile bhòt a' cunntais.

Cia mheud duine aig a bheil ballrachd ann am partaidh poilitigeach?

Cleas àireamh nan daoine a tha a' bhòtadh, tha ballrachd ann am partaidhean poilitigeach, san fharsaingeachd air a dhol sìos bho na 1950an. Ann an 2017, bha 1.7% dhen mhòr-shluagh nam buill de aon dhe na prìomh phartaidhean poilitigeach.

Ach tha ballrachd phartaidhean ann an Alba rud beag eadar-dhealaichte. Bha mu 25,000 ball aig PNA ron referendum air neo-eisimeileachd. An dèidh an referendum chaidh sin suas gu 125,000 ball. Ach tha am ballrachd air a dhol sìos. Anns a' Mhàrt 2023 bha àireamh na ballrachd aig 72,000.

Ann an 2021, b' e 63.5% a bhòt ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba.