A' riochdachadh bhoireannaich is bheag-chuidean ann am Pàrlamaid na RA
Ged a tha slighe mhòr ri dhol fhathast mus bi Taigh nan Cumantan na sgàthan air sluagh na RA, chruthaich taghadh coitcheann 2019 a' Phàrlamaid a b' eadar-mheasgte riamh le barrachd bhoireannaich air an taghadh mar BP, agus cuideachd barrachd BP bho bheag-chuid chinnidheach. A thuilleadh air a seo, chaidh an àireamh BP a tha aithnichte mar LGBT+ cuideachd suas.
Às an t-650 BP ann an Taigh nan Cumantan tha:
- 226 boireann – 35% dhe na Cumantan
- 65 bho bheag-chuid chinnidheach – 10% dhe na Cumantan
- 45 aithnichte gu follaiseach mar LGBT+ – 6.9% dhe na Cumantan
- 5 le ciorram – 0.75% dhe na Cumantan
- 173 a chaidh a sgoiltean prìobhaideach – 26.6% dhe na Cumantan
Tha am mìneachadh air 'mion-shluagh cinnidheach' air a thoirt bho Phàrlamaid na RA, a tha a' cleachdadh an teirm airson a h-uile duine ach a-mhàin am buidheann cinnidheach 'geal' ann am Breatainn, agus buidhnean 'geal' agus 'siùbhlaiche Èireannach' ann an Èirinn a Tuath.
Coimeas ri sluagh na RA
Tha dìreach beagan a bharrachd air 50% de shluagh na RA boireann agus mar sin tha reat de 33.8% a' sealltainn nach eil boireannaich air an riochdachadh anns a' Phàrlamaid mar bu chòir. Tha an reat sin air a bhith a' dol suas mean air mhean thar nam Pàrlamaidean mu dheireadh – ann an 2005 bha 20% dhe na Cumantan nam boireannaich; ann an 2010 bha e aig 22%; ann an 2015 bha e aig 29%; agus ann an 2017 bha e aig 32%.
Buinidh 14% de shluagh na RA do bheag-chuid chinnidheach. Tha seo an coimeas ris an reat de 10% de BP ann an Taigh nan Cumantan. Ach tha e nas fheàrr na 2017 nuair nach robh ann ach 8%.
Far nach eil an dàta a tha ri fhaotainn soilleir, thathar a' meas gun robh eadar 1.5 is 5% dhen t-sluagh a bha gan aithneachadh fhèin mar bhuill LGBT+, agus tha na Cumantan a' coimeas gu math ris a sin. Ach ge-tà, tha Stonewall – buidheann carthannais mòr LGBT+ – ag ràdh nach deach gin dhe na tagraichean tar-ghnèitheach a rinn iomairt airson a bhith nam BP a thaghadh.
A rèir rannsachadh a rinn Ionad Poileasaidh a' Chiorraim, bhon Mhàrt 2022, thuirt ochdnar BP gu bheil iad ciorramach. Seo 1.23% de Thaigh nan Cumantan, fhad 's a tha 20% de dhaoine anns an RA gan aithneachadh fhèin le ciorram air choreigin – a' gabhail a-steach slàinte inntinn.
'S ann co-cheangailte ri foghlam a tha an diofar as motha ann an Taigh nan Cumantan. Cha deach ach mu 7% de shluagh na RA a sgoil phrìobhaideach, ach an àireamh a' dol suas gu 26.6% ann an Taigh nan Cumantan. Ach tha seo air a dhol sìos bho 2017.