Riochdachadh poilitigeach san RACò na riochdairean poilitigeach a tha san RA?

Tha pàrlamaid na RA air a dèanamh suas de Thaigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean. Bidh Buill Phàrlamaid (BP) a tha air an taghadh a' bhòtadh air cùisean agus air laghan a tha a' toirt buaidh air an RA.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Cò na riochdairean poilitigeach a tha san RA?

Anns an RA, 's iad na trì riochdairean poilitigeach:

Taigh nan Cumantan

Tha ùidhean saoranaich agus luchd-còmhnaidh na RA air an riochdachadh leis na BP a thaghas iad airson an riochdachadh ann an Taigh nan Cumantan ann am Pàrlamaid na RA.

Taigh nam Morairean

Tha saoranaich cuideachd air an riochdachadh san dara seòmar dhen Phàrlamaid – Taigh nam Morairean. Tha buill de Thaigh nam Morairean air an cur an dreuchd seach a bhith air an taghadh gu dìreach.

Riaghaltas tiomnaichte

Ann an Alba, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath, tha daoine cuideachd air an riochdachadh anns na seanaidhean agus na pàrlamaidean nàiseanta tiomnaichte.