Riochdachadh poilitigeach san RADè th' ann an Taigh nam Morairean?

Tha pàrlamaid na RA air a dèanamh suas de Thaigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean. Bidh Buill Phàrlamaid (BP) a tha air an taghadh a' bhòtadh air cùisean agus air laghan a tha a' toirt buaidh air an RA.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Dè th' ann an Taigh nam Morairean?

Bidh Am Morair Alan Sugar a' suidhe ann an Taigh nam Morairean
Figure caption,
Bidh Am Morair Alan Sugar a' suidhe ann an Taigh nam Morairean.

'S e Taigh nam Morairean an dàrna seòmar de Phàrlamaid na RA. Bidh na morairean a' cur ris an obair a tha Taigh nan Cumantan a' dèanamh - a' dèanamh laghan, a' cumail sùil air obair an riaghaltais agus a' sgrùdadh phoileasaidhean.

Ciamar a tha Morairean gan taghadh?

Tha mu 800 ball ann an Taigh nam Morairean agus 's e 'morairean' a chanas sinn riutha (bidh an àireamh mhorairean ag atharrachadh).

Tha a' mhòr-chuid dhiubh air an suidheachadh leis a' mhonarc air comhairle a' Phrìomhaire, uaireannan air sàillibh gu bheil iad nan sàr-eòlaichean air cuspair sònraichte. Tha cuid ann leis gu bheil iad nan easbaigean ann an Eaglais Shasainn. Tha 92 dhiubh nam morairean oighre no nam morairean le tiotal (leithid Barain agus Biocasan no Viscounts).

'S e prìomh dhleastanas Taigh nam Morairean a bhith a' deasbad agus a' sgrùdadh bhileachan a tha mar-thà air a dhol tro Thaigh nan Cumantan. Tha saorsa agus ùine aca cuideachd beachdachadh air cùisean nàiseanta eile mar a tha iad ag èirigh. Chan eil an t-uallach air na morairean bhòtadh cuide ri partaidh sam bith, mar a tha air BP. Air sàillibh bhuannachdan mar seo, tha cuid dhen bheachd gu bheil Taigh nam Morairean gu mòr a' cur ri inbhe laghan ùra.

Ath-leasachadh Taigh nam Morairean

Tha cuid de dhaoine an aghaidh Taigh nam Morairean oir tha morairean air an suidheachadh is chan ann air an taghadh.

Tha cuid eile a tha an aghaidh an t-siostaim airson daoine a chur an dreuchd ann an Taigh nam Morairean, ga fhaicinn mar fhàbhar do charaidean. Tha seo a' ciallachadh gu bheil cead aig a' Phrìomhaire obraichean a thoirt do charaidean agus do luchd-taic.

Buill de Thaigh nam Morairean a' dol a-steach dhan t-seòmar
Figure caption,
Buill de Thaigh nam Morairean a' dol a-steach dhan t-seòmar.

Air an làimh eile, tha an fheadhainn a tha a' moladh Taigh nam Morairean dhen bheachd gur e deagh rud a th' ann nach eil na buill air an taghadh gu deamocrataigeach. Tha iad ag ràdh gu bheil na morairean a' sgrùdadh nam Bileachan feuch dè cho freagarrach 's a tha iad, 's nach eil guth an glèidh iad taghadh dhaibh. Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil cuid dhe na morairean air an cur an dreuchd leis gu bheil sgilean agus mion-eòlas aca a tha a' tighinn bho thaobh a-muigh poilitigs. Air a chaochladh, tha mòran de BhP san là an-diugh aig nach robh obair eile agus iad a-riamh air a bhith an-sàs ann am poilitigs a-mhàin.

Tha cuid de BhP air a bhith a' feuchainn ri Taigh nam Morairean ath-leasachadh airson ùine mhòr. Gu ruige seo tha gach oidhirp air taghaidhean deamocrataigeach a chleachdadh airson buill Taigh nam Morairean a chur an dreuchd air fàilligeadh. B' e seann cheannard nan Libearalach Dheamocratach, Nick Clegg, am fear mu dheireadh a dh'fheuch ri atharrachaidhean a thoirt gu buil. Anns an Lùnastal 2012, dh'fhàillig am moladh aige leis nach do chuir BP a' Phartaidh Làbaraich no a' Phartaidh Thòraidheach taic ris.

Bha Nick Clegg ag iarraidh gum biodh 4/5 de bhuill nam morairean air an taghadh gu deamocrataigeach. Bhiodh an àireamh de bhuill air a dhol sìos bho chòrr is 800 gu 450. Bhiodh iad uile san dreuchd airson 15 bliadhna agus an dèidh sin, dh'fhaodadh iad seasamh ann an taghadh deamocrataigeach a-rithist.

Bhiodh morairean a' riochdachadh sgìre shònraichte dhen Rìoghachd Aonaichte, air an taghadh tron t-siostam riochdachaidh co-roinneil, Bhòt Shingilte Ghluasadach.

Bhiodh cuid de mhoirearan fhathast air an suidheachadh leis a' mhonarc air comhairle a' Phrìomhaire, ged a bhiodh na bu lugha de dh'easbaigean Eaglais Shasainn nam buill. Cha bhiodh duine a' suidhe ann an Taigh nam Morairean air sàillibh tiotal.

Tha cuid de BhP Làbarach ag iarraidh gum bi gach neach ann an Taigh nam Morairean air an taghadh gu deamocrataigeach, le cuid de BhP Tòraidheach den bheachd gu bheil Taigh nam Morairean ag obair gu h-èifeachdach mar a tha e agus gum bu chòir fòcas an riaghaltais a bhith air cùisean nas deatamaiche, a leithid an eaconamaidh. Leig riaghaltas na co-bhanntachd às Bile Ath-leasachaidh Taigh nam Morairean gun aonta anns an Lùnastal 2012.

Tha an SNP air institiud deomocratach a tha cunntachail don luchd-bhòtaidh iarraidh an àite Taigh nam Morairean.