A' gabhail pàirt ann am poilitigs san RADè na còraichean is na dleastanasan a th' air daoine anns an RA?

Tha pàirt mhòr aig partaidhean poilitigeach ann am beatha dheamocrataigeach san RA.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Dè na còraichean is na dleastanasan a th' air daoine anns an RA?

Coimhead a' bhidio seo mu na còraichean is na dleastanasan a th' air daoine anns an RA, mar dìon bho leth-bhreith agus a' chòir bruidhinn le saorsa mu gach topaig anns a' chomann-shòisealta.

What are our political rights and responsibilities in the UK?

Tha diofar chòraichean is shaorsan againn a rèir 's dè an dùthaich bho bheil sinn. Tha còraichean poilitigeach dhaoine anns an RA air an cothromachadh le dleastanasan:

CòraicheanDleastanasan
Còir bhòtaidh - Anns an RA, faodaidh gach neach a tha còrr is 18 bliadhna a dh'aois, agus a tha air a' chlàr bhòtaidh, bhòtadh ann an taghaidh na comhairle ionadail agus ann an taghaidhean agus referenda Pàrlamaid na RA.Tha dleastanas air daoine anns an RA gabhail ri toraidhean taghaidh, fiù 's ged nach biodh iad ag aontachadh ris na toraidhean.
Còir air saorsa labhairt - Anns an RA, tha a' chòir aig daoine bruidhinn le saorsa mu gach topaig anns a' chomann-shòisealta. Tha seo a' gabhail a-steach an riaghaltas a chàineadh no taic a thoirt dhaibh.Tha dleastanas air daoine anns an RA cànan suarach a sheachnadh agus gun a bhith a' cur sìos air duine no buidheann sam bith anns a' chomann-shòisealta.
Còir air fianais-dhùbhlain - Anns an RA, faodaidh a h-uile duine am beachdan a shealltainn ann an diofar dhòighean – bho bhith ann am buidhnean iomairt gu bhith a' soidhnigeadh athchuingean gu bhith a' caismeachd air an t-sràid agus a' co-roinn bheachdan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh.Tha dleastanas air daoine anns an RA cumail ris an lagh, ainneart a sheachnadh agus gun eagal a chur air duine, agus pàirt a ghabhail ann am fianais-dhùbhlain sam bith a' cleachdadh dhòighean sìtheil.
Saorsa a dhol an sàs ri feadhainn eile - Anns an RA, faodaidh daoine gabhail ann am partaidh poilitigeach, buidheann iomairt no aonadh ciùird.Tha dleastanas air daoine anns an RA cìsean a phàigheadh dhan bhuidheann agus a bhith cinnteach nach toir iad droch chliù air a' bhuidheann tro dhroch cainnt no mì-mhodh.
CòraicheanCòir bhòtaidh - Anns an RA, faodaidh gach neach a tha còrr is 18 bliadhna a dh'aois, agus a tha air a' chlàr bhòtaidh, bhòtadh ann an taghaidh na comhairle ionadail agus ann an taghaidhean agus referenda Pàrlamaid na RA.
DleastanasanTha dleastanas air daoine anns an RA gabhail ri toraidhean taghaidh, fiù 's ged nach biodh iad ag aontachadh ris na toraidhean.
CòraicheanCòir air saorsa labhairt - Anns an RA, tha a' chòir aig daoine bruidhinn le saorsa mu gach topaig anns a' chomann-shòisealta. Tha seo a' gabhail a-steach an riaghaltas a chàineadh no taic a thoirt dhaibh.
DleastanasanTha dleastanas air daoine anns an RA cànan suarach a sheachnadh agus gun a bhith a' cur sìos air duine no buidheann sam bith anns a' chomann-shòisealta.
CòraicheanCòir air fianais-dhùbhlain - Anns an RA, faodaidh a h-uile duine am beachdan a shealltainn ann an diofar dhòighean – bho bhith ann am buidhnean iomairt gu bhith a' soidhnigeadh athchuingean gu bhith a' caismeachd air an t-sràid agus a' co-roinn bheachdan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh.
DleastanasanTha dleastanas air daoine anns an RA cumail ris an lagh, ainneart a sheachnadh agus gun eagal a chur air duine, agus pàirt a ghabhail ann am fianais-dhùbhlain sam bith a' cleachdadh dhòighean sìtheil.
CòraicheanSaorsa a dhol an sàs ri feadhainn eile - Anns an RA, faodaidh daoine gabhail ann am partaidh poilitigeach, buidheann iomairt no aonadh ciùird.
DleastanasanTha dleastanas air daoine anns an RA cìsean a phàigheadh dhan bhuidheann agus a bhith cinnteach nach toir iad droch chliù air a' bhuidheann tro dhroch cainnt no mì-mhodh.

Dè na diofaran a tha eadar Alba agus a' chòrr dhen RA?

Tha na h-uiread de dhiofar eadar na còraichean agus na dleastanasan a th' againn ann an Alba an taca ris a' chòrr dhen RA.

A thaobh a bhith a' gabhail pàirt ann am poilitigs, faodaidh a h-uile duine a tha 16 no nas sine agus a tha air a' chlàr bhòtaidh bhòtadh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus taghaidhean riaghaltas ionadail.

Dìreach mar an còrr dhen RA, faodaidh a h-uile duine a tha nas sine na 18 bhòtadh ann an taghaidhean Pàrlamaid na RA.