A' gabhail pàirt ann am poilitigs san RACò tha a' gabhail pàirt ann am poilitigs anns an RA?

Tha pàirt mhòr aig partaidhean poilitigeach ann am beatha dheamocrataigeach san RA.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Cò tha a' gabhail pàirt ann am poilitigs anns an RA?

A' gabhail pàirt ann am poilitigs na RA

Taobh a-muigh stèisean bhòtaidh
Figure caption,
Taobh a-muigh stèisean bhòtaidh.

Tha uallach ann gu bheil an àireamh le ùidh ann am poilitigs, agus a' gabhail pàirt, air a bhith a' dol sìos. Ann an taghaidhean coitcheann na RA, tha àireamh an luchd-bhòtaidh air a bhith a' dol sìos thar nan 50 bliadhna mu dheireadh bho 78% ann an 1958 gu 59% ann an 2001. Bha e beagan na b' fheàrr ge-tà aig an taghadh choitcheann mu dheireadh ann an 2019 le 67% dhen luchd-bhòtaidh a' bhòtadh.

A' gabhail pàirt ann am poilitigs na h-Alba

Tha an aon phàtran anns a' cheudad de dhaoine a tha a' bhòtadh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba.

Bliadhna taghaidhÀireamh a bhòt
199959.1%
200349.4%
200752.4%
201150.4%
201655.6%
202163%
Bliadhna taghaidh1999
Àireamh a bhòt59.1%
Bliadhna taghaidh2003
Àireamh a bhòt49.4%
Bliadhna taghaidh2007
Àireamh a bhòt52.4%
Bliadhna taghaidh2011
Àireamh a bhòt50.4%
Bliadhna taghaidh2016
Àireamh a bhòt55.6%
Bliadhna taghaidh2021
Àireamh a bhòt63%

Dè a' bhuaidh a bha aig na referenda o chionn ghoirid?

Postairean iomairt aig ionad-bhòtaidh ann an Sruighlea
Figure caption,
Postairean iomairt aig ionad-bhòtaidh ann an Sruighlea.

Bhòt barrachd anns an dà referendum o chionn ghoirid – air neo-eisimeileachd na h-Alba agus an uair sin air – agus thathar dhen bheachd gun do thog iad ùidh ann am poilitigs agus gun do ghabh barrachd pàirt.

Referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba 2014

Anns an Referendum air Neo-eisimeileachd ann an 2014, bhòt 84.6% – an àireamh bu mhotha riamh a chaidh a chlàradh san RA. Dh'fhaodadh gun robh seo air sgàth 's gum bi aon chuspair soilleir ann an referendum le gealladh air buil cinnteach, soilleir agus leis a h-uile bhòt a' cunntais.

Cleas àireamh nan daoine a tha a' bhòtadh, tha ballrachd ann am partaidhean poilitigeach, san fharsaingeachd air a dhol sìos bho na 1950an. Ann an 2017, bha 1.7% dhen mhòr-shluagh nam buill de aon dhe na prìomh phartaidhean poilitigeach.

Ach tha ballrachd phartaidhean ann an Alba rud beag eadar-dhealaichte. Bha mu 25,000 ball aig PNA ron referendum air neo-eisimeileachd. Chaidh sin suas an dèidh an referendum gu mu 125,000 ball. Ach tha am ballrachd air a dhol sìos. A rèir an National, pàipear-naidheachd a tha airson neo-eisimeileachd, bha àireamh na ballrachd aig 74,889 anns a' Ghiblean 2023.