A' gabhail pàirt ann am poilitigs san RADè na diofar dhòighean a th' ann pàirt a ghabhail ann am poilitigs?

Tha pàirt mhòr aig partaidhean poilitigeach ann am beatha dheamocrataigeach san RA.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Dè na diofar dhòighean a th' ann pàirt a ghabhail ann am poilitigs?

Tha barrachd an lùib a bhith a' gabhail pàirt ann am poilitigs na bhith a' bhòtadh airson riaghaltas a thaghadh. Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh tha dòigh nach eil cho foirmeil ann air pàirt a ghabhail ann am poilitigs – le cuideachadh bhon eadar-lìon agus na meadhanan sòisealta.

Iomairtean air-loidhne agus athchuingean

Athchuinge air-loidhne leis an ainm EU Referendum Rules triggering 2nd EU Referendum
Figure caption,
Athchuinge air-loidhne air làrach-lìn Riaghaltas na RA.

Tha iomairtean air-loidhne a' sìor fhàs measail aig daoine le mòran a' cleachdadh an eadar-lìn airson dùbhlan a thogail no airson beachdan dhaoine atharrachadh mu iomadh cuspair.

Mar thoradh air cho measail 's a tha daoine air iomairtean air-loidhne, tha poileasaidh a-nis aig riaghaltas na RA far am feumar tagraidhean ris an cuir còrr is 100,000 an ainm a dheasbad ann an Taigh nan Cumantan.

Mar eisimpleir, tha còrr is dà mhillean ball aig an fhòram iomairt 38 Degrees a tha stèidhichte san RA. Bidh am buidheann a' cur air dòigh agus a' cur air adhart iomairtean gus atharrachadh a thoirt air raon farsaing de chùisean poilitigeach agus sòisealta. Faodaidh na h-iomairtean seo a bhith:

  • nan athchuingean air-loidhne airson cùisean a dheasbad sa Phàrlamaid
  • nan dùbhlain fhiosaigeach
  • nan taic airson cuideam a chur air companaidhean airson am bathar aca a sheachnadh
Oileanaich Albannach aig stailc dhùbhlain mu atharrachadh na gnàth-shìde
Image caption,
Oileanaich Albannach aig stailc dhùbhlain mu atharrachadh na gnàth-shìde. (Andy Catlin / Alamy Stock Photo)

Ann am Pàrlamaid na h-Alba, bidh Comataidh Compàirteachadh Shaoranach agus Athchuingean Poblach a' beachdachadh air cùisean a bheir daoine bhon phoball gu aire na pàrlamaid mar athchuinge. Chan eil crìochan sam bith ann a thaobh àireamh nan ainmean-sgrìobhte a tha a dhìth.

Diofar dhòighean air pàirt a ghabhail ann am poilitigs

Am measg dhòighean eile air pàirt a ghabhail tha:

  • a' cumail suas ri dè tha a' tachairt anns an sgìre agad cho math ri dè tha a' dol gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta
  • a' seasamh mar thagraiche
  • a' toirt taic do thagraiche ann an iomairt taghaidh le bhith a' sgaoileadh bhileagan no a' dol bho dhoras gu doras
  • a' dol gu fianaisean dùbhlain agus ralaidhean mu chùisean, mar eisimpleir, atharrachadh na gnàth-shìde