An siostam bhòtaidh san RADè th' anns an t-siostam bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha?

Tha BP air an taghadh do Thaigh nan Cumantan a' cleachdadh siostam bhòtaidh ris an canar siostam Àireamh Bhòtaichean as motha.

Part ofNuadh-eòlasDeamocrasaidh san Rìoghachd Aonaichte

Dè th' anns an t-siostam bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha?

Canaidh sinn an Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha (First Past the Post no FPTP) ris an t-siostam a th' againn airson BP a thaghadh airson Taigh nan Cumantan.

Bhidio - Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha

Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh an t-siostam bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as Motha.

What is the First Past the Post voting system?

Carson a tha Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha air a chleachdadh?

Tha an dòigh taghaidh seo air a chleachdadh airson BP a thaghadh airson Taigh nan Cumantan. Airson an taghaidh, tha an RA air a roinn ann an 650 sgìre no roinnean-pàrlamaid (seataichean) agus aig àm an taghaidh, 's e an tagraiche a gheibh an àireamh as motha de bhòtaichean am BP a bhios ann.

Bogsa-baileit
Figure caption,
Bogsa-baileit (Finnbarr Webster / Alamy Stock Photo)

Ged a tha luchd-bhòtaidh a' bhòtadh airson BP ionadail, tha iad cuideachd a' gabhail pàirt ann a bhith a' taghadh riaghaltas. 'S e am partaidh leis an àireamh as motha de BP an riaghaltas a bhios ann. Ann an 2019, bha barrachd BP aig na Tòraidhean na bh' aig a h-uile partaidh eile còmhla, (mòr-chuid de na BP) agus mar sin b' iadsan an riaghaltas.

Ann an 2010, rud a bha neo-àbhaisteach, cha d' fhuair partaidh sam bith mòr-chuid de na BP (barrachd BP na bh' aig na partaidhean eile gu lèir). Mar sin thug am Partaidh Tòraidheach (am partaidh bu mhotha an dèidh an taghaidh) cuireadh don Phartaidh Libearalach Dheamocratach pàirt a ghabhail ann an riaghaltas co-bhanntachd.