Buannachdan agus eas-bhuannachdan siostam Àireamh Bhòtaichean as motha
Dè na buannachdan a tha an lùib siostam Àireamh Bhòtaichean as motha?
- Dàimh làidir eadar BP is Roinn-phàrlamaid: Bidh aon riochdaire air a thaghadh airson gach roinn-phàrlamaid, agus 's àbhaist mar sin gum bi dàimh làidir eadar am BP agus an Roinn-phàrlamaid. Cuideachd, mura toigh le daoine am BP aca, faodaidh iad bhòtadh gus faighinn cuidhteas e/i.
- Riaghaltas làidir le aon phartaidh: 'S àbhaist gum buannaich aon phartaidh an taghadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil còig bliadhna aig a' phartaidh a bhuannaich airson na planaichean aca a chur an gnìomh (mar a bhios sa mhanifesto). Ann an 2019 b' e am Partaidh Tòraidheach a bhuannaich an Taghadh Coitcheann.
- Furasta: Tha an siostam furasta a thuigsinn is tha sinn eòlach air. Fhuair luchd-bhòtaidh an cothrom o chionn beagan bhliadhnaichean cur às do FPTP ann an taghaidhean pàrlamaid na RA, ach roghnaich iad a chumail.
Dè na h-eas-bhuannachdan a tha an lùib siostam Àireamh Bhòtaichean as motha?
- Beag-chuid na bhòt: Sa mhòr-chuid de roinnean-pàrlamaid, bidh barrachd dhaoine (gu h-iomlan) a' bhòtadh an aghaidh an tagraiche a bhuannaicheas na bhòtas dhaibh. Uaireannan, 's dòcha gun tèid BP a thaghadh le àireamh bhòtaichean cho beag ri 35%, beag-chuid, den bhòt. Mar as trice, bidh nas lugha na 50% air bhòtadh dhan phartaidh a bhuannaicheas. Thachair seo ann an 2019 nuair nach d' fhuair am Partaidh Tòraidheach ach 43.6% den bhòt.
- Chan eil partaidhean an còmhnaidh air an riochdachadh gu cothromach: Ann an 2015, fhuair UKIP 12.6% dhen bhòt ach cha d' fhuair iad ach aon BP. Ann an 2019, fhuair na Làbaraich 18% dhen bhòt ann an Alba ach cha d' fhuair iad ach aon BP. Ach fhuair na Libearalaich Dheamocratach 9.5% dhen bhòt agus 4 BP.
- Bhòtadh innleachdach: Bidh cuid ag ràdh gu bheil FPTP ag adhbharachadh bhòtadh innleachdach (no daoine nach bodraig bhòtadh) oir chan eil iad den bheachd gun toir a' bhòt aca cothrom dhan tagraiche aca buannachadh. Mar eisimpleir, ann an roinn-phàrlamaid san àbhaist BP Tòraidheach a bhith, (ris an can sinn uaireannan seataichean 'sàbhailte'), chan eil e gu mòran feum bhòtadh dha na Làbaraich oir 's e droch theansa gun tèid an tagraiche aca a thaghadh. Far am bi seo a' tachairt, agus bidh e a' tachairt ann an iomadh roinn-phàrlamaid, 's dòcha gum bi daoine a' bhòtadh, chan ann dhan tagraiche as fheàrr leotha, ach an aghaidh tagraiche nach toigh leotha. Canar gu bheil dà thrian de roinnean-pàrlamaid na RA nan seataichean sàbhailte.